An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Urramach Calum MacLeòid"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 20:
 
[[File:Balquhidder Church - Churchyard - geograph.org.uk - 972703.jpg|thumb|Cladh Bhoth Chuidir]]
Tràth anns a' bhliadhna 1946, cho-dhùin Cinn-iùil Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum Dotair na Diadhachd a bhuileachadh air Calum MacLeòid mar chomharra urramach air a shaothair às leth an dà chuid na h-Eaglaise agus cultar agus cànan nan Gàidheal. B' i cùis-bhròin a bh' ann nach deach an t-urram seo a thoirt gu buil. Chaochail Calum ann an Glaschu air an 21mh dhen Ògmhios 1946 às deidh dha fàs tinn fhad 's a bha e air turas sgrùdaidh timcheall nan Stèiseanan Miseanaraidh anns na h-[[Na h-Eileanan Siar|Eileanan Siar]]. Bha a bhean, Blanche, a dhithis nighean, Blanche ("Babs") agus Catrìona, agus mòran chàirdean ga chaoidh. Tha an uaigh aige ann an cladh Bhoth Chuidir, comharraichte le [https://scotlandschurchestrust.org.uk/wp-content/uploads/2017/05/Balquhidder-Parish-Church-ASB-photo-27.01.15-2.jpg crois Cheiltich] air a dealbhadh le a charaid, Cailean Mac na Ceàrdaich PhD. Aig bun na croise tha faclan sìmplidh ann a tha a’ toirt geàrr-chunntas air beatha a’ mhinisteir dhìlis seo: "Thaisbean e gum bu duine le Dia e".
 
== Tùsan ==