An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Urramach Calum MacLeòid"

Content deleted Content added
Barrachd cheanglaichean ri duilleagan eile
Barrachd cheanglaichean ri duilleagan eile
Loidhne 10:
Ann an 1924, dh'fhàg e slàn le Ceann Loch Gilb airson gairm a ghabhail ann an eaglais thràing agus dhùbhlanaich ann an Glaschu: Eaglais Iain Knox agus Tradeston. A dh'aindeoin eallach a dhreuchd, lean e air le obair a' Chomuinn Ghàidhealaich agus dh'fhàs e gu bhith cliùiteach mar òraidiche air cuspairean Ceilteach. Bha e air a bhith dealasach mar sgrìobhadair airson ràitheachan-eaglaise bhon a bha e na oileanach agus bha na sgilean seo air an aithneachadh ann an 1936, nuair a chaidh iarraidh air a bhith na dheasaiche iris mhìosail a' Chomuinn Ghàidhealaich, '[[An Gàidheal]]'.
 
Chuir Calum seachad na naoi bliadhna mu dheireadh de a bheatha agus de a mhinistrealachd ann am [[Both Chuidir]], Siorrachd Pheairt. Thar nam bliadhnaichean, bha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar mhinistear dìleas, dealasach, mar òraidiche air leth agus mar aoghair còir, coibhneil, agus chleachd e na buadhan seo airson math a choitheanail ùir. Thug e tlachd dha a bhith a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig ri a nàbaidh, Flòraidh Nic a' Phearsain - bha a' bhana-mhaighstir-sgoile seo à Gearrloch[[Geàrrloch]], Rois an Iar, o thùs - agus ris an luchd-sgìreachd aige, m.e. Iain MacNeachdainn, Inbhir Loch Làirig.
 
Fhad 's a bha e a' fuireach ann am Both Chuidir, lean e air le obair fharsaing [[Eaglais na h-Alba]] agus a' Chomuinn Ghàidhealaich: ann an 1938, chaidh a thaghadh na Cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, dreuchd a ghlèidh e gu latha a bhàis ann an 1946. Bha na bliadhnaichean ann am Both Chuidir gu bhith glè thorrach a thaobh tabhartasan Chaluim MhicLeòid do chultar Gàidhealach agus dhan chànan Ghàidhlig.
 
Mar Cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich aig àm an Darna[[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]], stiùir e tional airgid, iomadh mìle not, gus cuideachadh agus cofhurtachd a thoirt dha na Gàidheil a bha ri cogadh anns an Arm Bhreatannach no nam Prìosanaichprìosanaich Cogaidhcogaidh. Chaidh cuibhreann dhen ionmhas a chosg a chum leabhraichean beaga fhoillseachadh, leabhraichean le pìosan sgrìobhaidh goirid anns a' Ghàidhlig air cuspairean brosnachail. Dheasaich Calum MacLeòid na leabhraichean seo, "Airgiod an Rìgh" (1942) agus "Seirbhis a’ Chrùin" (1943). Chuir iad ris na sgrìobh agus na dh'fhoillsich e na bu thràithe: artaigilean ann an ràitheachan-eaglaise agus anns an iris "An Gàidheal", "Comasan Ùrnuigh" (1913) (eadar-theangachadh Gàidhlig dhen leabhar "The Possibilities of Prayer" le J H Oldham), agus "An Laoidheadair" (1935) a cho-dheasaich e còmhla ri Calum Mac'Ill'Fhinnein.
 
Bhiodh a' mhòr-chuid dhe dhaoine dhen bheachd, ged-thà, gum b' e an leabhar "An Iuchair Òir" (1950) an tabhartas a bu luachmhoire a chuir Calum MacLeòid ri litreachas na Gàidhlig. Tha e na chruinneachadh de shearmonan agus de dh'òraidean rèidio a bha air an taghadh le Calum fhèin mus do chaochail e. Tha na searmonan soisgealach, dòmhainn agus air an sgrìobhadh ann an Gàidhlig bhrèagha a tha beairteach ann an gnàthasan-cainnt agus fiosrachadh eachdraidheil. Sgrìobh Tòmas MacCalmain, deasaiche an leabhair, eachdraidh-beatha Chaluim mar ro-ràdh, pìos sgrìobhaidh a tha an dà chuid grinn agus làn fiosrachaidh.
 
Tràth anns a' bhliadhna 1946, cho-dhùin Cinn-iùil Oilthigh Dhùn Eideann gus ceum Dotair na Diadhachd a bhuileachadh air Calum MacLeòid mar chomharra urramach air a shaothair às leth an dà chuid na h-Eaglaise agus cultar agus cànan nan Gàidheal. B' i cùis-bhròin a bh' ann nach deach an t-urram seo a thoirt gu buil. Chaochail Calum ann an Glaschu air an 21mh dhen Ògmhios 1946 às deidh dha fàs tinn fhad 's a bha e air turas sgrùdaidh timcheall nan Stèiseanan Miseanaraidh anns na h-[[Na h-Eileanan Siar|Eileanan Siar]]. Bha a bhean, Blanche, a dhithis nighean, Blanche ("Babs") agus Catrìona, agus mòran chàirdean ga chaoidh. Tha an uaigh aige ann an cladh Bhoth Chuidir, comharraichte le crois Cheiltich air a dealbhadh le a charaid, Cailean Mac na Ceàrdaich PhD. Aig bun na croise tha faclan sìmplidh ann a tha a’ toirt geàrr-chunntas air beatha a’ mhinisteir dhìlis seo: "Thaisbean e gum bu duine le Dia e".
 
 
== Tùsan ==