An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rìoghachd na h-Alba"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 28:
===Fàs: 943–1513===
[[File:Battle_of_Largs_(detail),_1263.JPG|thumb|Blàr na Leargaidh Ghallda]]
Bha buaidh aig rìghrean na h-Alba air Srath Chluaidh a-mach on 9mh linn ach b’ e [[Maol Chaluim I na h-Alba|Maol Chaluim I]] (no ''Máel Coluim mac Domnaill'' mar a bha air ’na linn, a’ riaghladh eadar 943–954 mu thuaiream) a cheannsaich [[Rìoghachd Shrath Chluaidh|Srath Chluaidh]].<ref>B. T. Hudson, ''Kings of Celtic Scotland'' (Westport: Greenhill 1994), ISBN 0313290873, pp. 95–6.</ref> Thàinig atharrachadh mòr mòr air Rìoghachd na h-Alba ri linn [[Daibhidh I na h-Alba|Daibhidh I]] (''Dabíd mac Maíl Choluim'')<ref name=Barrow1992pp9-11>G. W. S. Barrow, "David I of Scotland: The Balance of New and Old", in G. W. S. Barrow, ed., ''Scotland and Its Neighbours in the Middle Ages'', (London, 1992), pp. 9&ndash;11 pp. 9&ndash;11.</ref><ref>M. Lynch, ''Scotland: A New History'' (Random House, 2011), ISBN 1446475638, p. 80.</ref> is esan a’ cur toirt a-steach rian [[fiùdalachd]] dhan dùthaich, a’ stèidheachadh nan ciad [[Borgh rìoghail|bhuirgh rìoghail]], a’ chiad chùinneadh Albannach agus sreath de ath-leasachaidhean creidmheach is laghail.<ref name=Webster1997pp29-37>B. Webster, ''Medieval Scotland: the Making of an Identity'' (St. Martin's Press, 1997), ISBN 0333567617, pp. 29-37.</ref> Cha robh a’ chrìoch eadar Alba agus Sasainn seasmhach idir suas gun 13mh linn agus ged a chuir Daibhidh I [[Northumbria]] ri Alba, chaill [[ogha]] ’s iar-theachdaire [[Maol Chaluim mac Eanraig|Maol Chaluim IV]] (''Máel Coluim mac Eanric'') e a-rithist ann an 1157.<ref>R. R. Davies, ''The First English Empire: Power and Identities in the British Isles, 1093-1343'' (Oxford: Oxford University Press, 2000), ISBN 0198208499, p. 64.</ref> Chaidh a’ chrìoch a stèidheachadh ann an [[Cùmhnant Eabhraic]] ann an 1237, faisg air crìoch ar latha<ref>W. P. L. Thomson, ''The New History of Orkney'' (Edinburgh: Birlinn, 2008), ISBN 184158696X, p. 204.</ref> Mu àm riaghladh [[Alasdair III na h-Alba|Alasdair III]], bha na h-Albannaich air smachd fhaighinn air cladach an iar na dùthchan an dèidh [[Blàr na Leargaidh Ghallda]] ann an [[Cùmhnant Pheairt]] ann an 1266.<ref name=Macquarrie2004p153>A. Macquarrie, ''Medieval Scotland: Kinship and Nation'' (Thrupp: Sutton, 2004), ISBN 0-7509-2977-4, p. 153.</ref> Fhuair Sasainn smachd air [[Eilean Mhanainn]] san 14mh linn ged a rinn na h-Albannaich iomadh oidhirp fhaighinn air ais.<ref>A. Grant and K. J. Stringer, eds, ''Uniting the Kingdom?: the Making of British History'' (London: Routledge, 1995), ISBN 0415130417, p. 101.</ref> Cheannsaich na Sasannaich cuid mhòr de dh'Alba fo [[Èideard I Shasainn|Èideard I]] agus chuir iad pìos mòr dhen Ghalldachd ri Sasainn fo [[Èideard III Shasainn|Èideard III]] ach dhaingnich Alba a neo-eisimeileachd aig deireadh na 13mh linn fo stiùireadh dhaoine mar [[Raibeart I na h-Alba|Raibeart Brus]] agus [[Uilleam Uallas]] agus na rìghrean ’na dhèidh san 14mh linn ann an [[cogaidhean neo-eisimeileachd na h-Alba]] (1296-1357). Fhuair iad taic o rìghrean na Frainge san oidhirp seo, rud ris an can sinn an [[Seann-chaidreachas]] an-diugh, aonta taic a chumail ris a’ chèile an aghaidh Shasainn. Ged a bha an 15mh linn agus toiseach na 16mh linn ’na ùine aimhreiteach buaireasach fo na [[rìghrean Stiùbhartach]], fhuair an crùn barrachd smachd air na tighearnan neo-eisimeileach agus ath-cheannsaich iad fearann a chaill iad roimhe gus an robh an dùthaich cha mhòr cho mòr ’s a tha e an-diugh.<ref name=Bawcutt&Williams2006p21>P. J. Bawcutt and J. H. Williams, ''A Companion to Medieval Scottish Poetry'' (Woodbridge: Brewer, 2006), ISBN 1843840960, p. 21.</ref> Nuair a fhuair crùn na h-Alba Arcaibh agus Sealtainn mar thochradh ann an 1468, b’ e sin am pìos fearainn mòr mu dheireadh a fhuair an rìoghachd.<ref name="J. Wormald, 1991 p. 5">J. Wormald, ''Court, Kirk, and Community: Scotland, 1470-1625'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 1991), ISBN 0748602763, p. 5.</ref> Cheannsaich na Sasannaich Bearaig, gearastan-crìche agus am port as motha ann an Alba mheadhan-aoiseil ann an 1482 agus is ann an Sasainn a tha e air a bhith on àm sin.<ref name=Bawcutt&Williams2006p21/> An cois an t-Seann-chaidreachais leis an Fhraing, dh’fhuiling arm nan Albannach call mòr aig [[Blàr Flodden]] ann an 1513 agus ri linn bàs [[Seumas IV Alba|Sheumais IV]] sa bhlàr ud, lean ùine fhada de chugallachd phoilitigeach.<ref name="G. Menzies 2002 p. 179">G. Menzies ''The Scottish Nation'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 2002), ISBN 190293038X, p. 179.</ref>
 
===Daingneachadh is aonadh: 1513–1707===