An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eilean Eòin"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Tagaichean: Deasachadh inneil-làimhe Deasachadh-lìn inneil-làimhe
Loidhne 1:
[[Faidhle:Gaidhealtachd-chanadach.svg|thumb|right|300px|Distribuciósgaoileadh perroinnean-mara lesann [[Provínciesan marítimes del Canadà]] c.1850.Canada]]
Tha '''Eilean Eòin''' neo '''Eilean a' Phrionnsa''' <ref>Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714</ref> ([[Beurla]]: ''Prince Edward Island'') na [[Mòr-roinnean Chanada|mòr-roinn]] [[Canada|Chanèidianach]] ri taobh [[Alba Nuadh|Alba Nuaidh]].
 
Loidhne 11:
A thuilleadh air na coimhearsnachdan Gàidhealach, tha coimhearsnachd ann de luchd-labhairt na Fraingis, no 'les Acadiens', (mar a chanas iad riutha fhèin ann am Fraingis), is iad sin air a bhith ann bho dheireadh na 17mh linne ged a thug am fuadach a dh'fhuiling iad ann an [[1755]] ('le Grand Dérangement') crathadh mòr orra. Cuideachd tha tùsanaich an eilein, na Mi'kmaq fhathast a' fuireach ann an caochladh àiteachan a leithid Eilean Lennox shuas air oirthir a tuath an eilein. A bharrachd air na Mi'kmaq, na h-Acadianaich is na Gàidheil, bha is tha gu h-eachdraidheil coimhearsnachdan de mhuinntir na h-[[Èirinn|Èireann]], de mhuinntir [[Sasainn|Shasainn]] agus coimhearsnachd bheag de mhuinntir [[Leabanon]] a rinn imrich an tùs gnothaich a-null gu ruige Eilean a' Phrionnsa a-mach à [[Impireachd nan Otomanach]] aig deireadh na 19mh linne.
 
Tha buidheann de luchd-taic is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a' sìor fhàs nas pailte san eilean san latha againn fhìn, 'Comann Gàidhlig Eilean a' Phrionnsa', is iad a' ruith chlasaichean Gàidhlig feadh na bliadhna ann am Baile Sheàrlot is ann an àiteachan eile.
 
== Iomradh ==