An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Philippe Pétain"

Content deleted Content added
→‎An Cogadh Mòr: prìosan agus bàs
Bogsa eachdraidh-bheatha
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
{{neach-poileataigs
 
| ainm = Philippe Pétain
| dealbh = Philippe Pétain (en civil, autour de 1930).jpg
| ofis = Ceann-stàite
| baogadh_teirm = [[11 an t-Iuchar]] [[1940]]
| crioch_teirm = [[19 an Lùnasdal]] [[1944]]
| roimhe = [[Albert Lebrun]]
| leantail = [[Charles de Gaulle]]
| pàrtaidh = gun phàrtaidh
| latha_breith = [[24 an Giblean]] [[1856]]
| lathair_breith = [[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Cauchy-à-la-Tour]]
| latha_eug = [[23 an t-Iuchar]] [[1951]]
| lathair_eug = [[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Port-Joinville]]
| pòsadh = Eugénie Hardon Pétain
| crèideamh = caitligeach
| ceaird = saighdear
}}
B' e '''Henri Philippe Benoni Omer Joseph Pétain''', ([[Cauchy-à-la-Tour]], [[24 an Giblean]] [[1856]] – [[23 an t-Iuchar]] [[Port-Joinville]] [[1951]]) seanailear Frangach a bha os cionn riaghaltas na dùthcha fo bhuaidh nan Nàsach aig àm an [[Dàrna Cogadh| Dàrna Cogaidh]], bho [[11 an t-Iuchar]] [[1940]] gu ruige [[20 an Lùnastal]] [[1944]], nuair a thill [[Charles de Gaulle]] dhan [[An Fhraing|Fhraing]].
 
Line 24 ⟶ 9:
Bha e faisg air a bhith a' leigeil dheth a dhreuchd mus do thòisich an cogadh ann an [[1914]] is chaidh a chur suas a-rithist, an turas seo gu bhith na sheanailear. Ghabh e pàirt anns an iomairt soirbheachail ann an Champagne ann [[an t-Sultain]] [[1915]], is e os cionn Dàrna Arm na Frainge. An ath bhliadhna, bha [[Charles de Gaulle]] òg a-measg a chuid oifigearan aig [[Verdun]], is Pétain a' stiùireadh iomairt dìon a’ bhaile.
 
Bha an iomairt fhada sin an aghaidh nan Gearmailteach cho soirbheachail math proifeiseanta gun do dh' fhàs e cliùiteach air feadh na [[dùthaich|dùthcha]] is na daoine cho measail air. Air sàilleabh sin, 's e esan a chaidh ainmeachadh ceannard na Feachdan Armachd uile gu lèir (an àite Robert-Georges Nivelle, a dh'fhàiligfhàillig anns an iomairt ann an ''Chemin des Dames'') an ceann corra mhìos, nuair a bha mì-mhisnich a’ fàs na bu miosa eadar na saighdearan is iad a' seasamh an aghaidh an Airm. Chuir e an droch stàit anns an robh na saighdearan am feabhas, ged an do chuir e sìos na reubaltaich anns an dòigh uabhasach garbh cruaidh. Dh’ath-eagaraich e an t-Arm is bhuannaich e earbsa nan saighdear.
 
Bha e fhathast san dreuchd sin aig deireadh a’ chogaidh, ged an robh e fo òrdughan an t-seanaileir Foch bhon [[an Giblean]] [[1918]]. Chaidh Foch ainmeachadh ceannard na feachdan ann an iar uile gu lèir, is chuir iad ruaig air na [[A' Ghearmailt|Gearmailtich]] a bha a’ cur ionnsaigh mu dheireadh orrasan. Le sin, b’ fheudar dha na Gearmailtich fosadh iarraidh. Aig deireadh na bliadhna [[1918]], fhuair Pétain bata sònraichte pròiseil dhe marasgal na Frainge, an rud as cliùitiche do shaighdear sam bith anns an Arm.