An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leonardo Boff"

Content deleted Content added
No edit summary
b beagan sgiobl.
Loidhne 4:
| RUGADH =[[Faidhle:Flag of Brazil.svg|22px]] [[Concórdia (Santa Catarina)|Concórdia]], [[14 an Dùbhlachd]] [[1938]]
| BÀS =
| DREUCHD = [[sagartSagart]] agus [[Diadhaireachd|diadhair]]
| CÀNAN =[[Portagailis]], [[Gearmailtis]]
| DÙTHAICH =[[Braisil]]
Loidhne 10:
| CÈILE = Marcia Maria Monteiro de Miranda
}}
'S e [[sagart]] agus [[Diadhaireachd|diadhair]] [[Eaglais Chaitligeach|Caitligeach]] a th' ann an '''Leonardo Boff''' (Fìor [[ainm]]: ''Genézio Darci Boff'', [[Concórdia (Santa Catarina)|Concórdia]], [[14 an Dùbhlachd]] [[1938]]).<ref>[http://leonardoboff.com/site/bio/cv.pdf Leonardo Boff]</ref> Tha e air a bhith an sas ann an [[diadhaireachd an t-saoraidh]] fad a bheatha.
 
== Beatha ==
Bhuineadh na sinnsearan aige do [[Venezia]] thall san [[An Eadailt|Eadailt]], a dh' fhàg iad aig deireadh an [[19mh Linn]]. Tha a [[bràthair|bhràthair]] Clovis na shagart cuideachd.<ref>[http://www.editionsducerf.fr/html/fiche/ficheauteur.asp?n_aut=682 Editions du Cerf]</ref> Fhuair e a cuid fhoghlam ann an Concórdia fhèin, [[Rio Negro (Paraná)|Rio Negro]], agus [[Agudos, São Paulo|Agudos]]. Thug e ceum ann am [[Feallsanachdfeallsanachd]] à [[Oilthigh Churitiba]] agus ann an [[diadhaireachd]] à [[Oilthigh Caitligeach Phetrópolis]]. Ann an [[1959]] ghabh e ann an cuideachd nan [[Frainseasach]]. Mu dheireadh thall, fhuair e [[dotaireachd]] ann an diadhaireachd à [[Oilthigh Mhünchen]], ann an [[1970]]. B' e Karl Rahner a stiùir Boff tron teusas aige, ''Die Kirche als Sakrament im Horizont der Welterfahrung''. Thug na sgrìobh [[Martin Heidegger]] buaidh mhòr air Rahner.<ref>[http://nuevomundo.revues.org/47243 Nuevo Mundo] </ref> B' e ball [[Comann Iosaid|a' Chomainn Iosaid]] a bh' ann Rahner.<ref>Karl Rahner von Albert Raffelt, Hansjürgen Verweyen, C.H.Beck, 1997 ISBN 3-406-41941-0</ref>
 
== Diadhair an t-Saoraidh ==
Eadar [[1970]] agus [[1992]] bha e na ollamh ann an diadhaireachd eagarach agus eadar-eaglaiseach ann an Institiud Frainseasach na Diadhaireachd ann an [[Petrópolis]] a bharrachd air a chuid obrach ann an corra oilthigh eile ann am [[Braisil]]. Eadar [[1970]] agus [[1985]] bha e na dheachsaichairdheasaichear aig ''Vozes'' agus bha e an lùib: ''Théologie et Libération''. B' e esan a dheasaich cruinneachadh na sgrìobh [[Carl Gustav Jung]]<ref>[http://leonardoboff.com/site/vista/2009/nov06.htm Leonardo Boff]</ref>. Chuideachd dheasaich e ''Eclesiástica Brasileira'' bho [[1970]] gu ruige [[1984]] agus ''Cultura Vozes'' bho [[1984]] gu ruige [[1992]] a bharrachd air ''Revue Internacional la Consultation'' eadar [[1970]] agus [[1995]]. Cuideachd ann an 1992 fhuair e dotaireachd honoris causa à [[Oilthigh Lund]] agus tha e ann an co-luadar le corra dhaoine san Eaglais anns [[Anan t-Suain]] fhathast.<ref>[http://www.ht.lu.se/forskning/hedersdoktorer/hedersdoktorer-vid-teologiska-fakulteten Lunds Universitet]</ref>
 
Ann an [[1984]] chaidh a ghairm dhan [[Cathair na Bhatacain|Bhatacain]] le Buidheann Mion-cheasnachadh Mòr na h-Eaglaise, air a stiùireadh le [[Pàpa Beinidict XVI|Joseph Ratzinger]], far an d' fhuair e fìor dhroch chàineadh air sgàth na sgrìobh e san leabhar aige ''Igreja: carisma e poder'', a ghabhadh ri [[Diadhaireachd an t-saoraidh]]. An ath [[Bliadhna|bhliadhna]], ann an [[1985]], chuir an [[eaglais]] peanas air Boff air sàilleabh gu robhar dhen bheachd gu robh ceangal làidir ann eadar Diadhaireachd an t-saoraidh agus [[Marxachas]]:<ref>[http://www.midiasemmascara.org/artigos/movimento-revolucionario/14333-o-politico-evangelico-ideal-e-leonardo-boff.html Mídia Sem Máscara]</ref> bB' e sàmhchair agus a ùmhlachd bhathar a' sireadh bhuaithe. A dh' aindeoin seo, cha robh na rinneadh dha cho doirbh an taca ri na rinneadh dhan Fhraingeach [[Jacques Pohier]], is lean Boff air mar shagart is e gu math gnìomhach san eaglais ann am Braisil fhèin.<ref>The Silencing of Leonardo Boff: Liberation Theology and the Future of World Christianity, oleh Harvey Cox, (1988) ISBN 0-940989-35-2</ref>
 
Ann an [[1992]], leis gu robh e a' dèanamh coimhearachdcoimhearsnachd làidir an aghaidh ceannardan nam Frainseasach agus a’ càineadh gu cunbhalach mu na dhèanadh [[Pàpa Iain Pòl II]], chaidh a chur a-mach às an dreuchd aige mar shagart agus chaidh a dh' fhuireach ri boireannach air a bheil Marcia Maria Monteiro de Miranda. Cha do phòs iad. Tha Boff air sianar duine-cloinne a dh'uchd-mhacachd, agus tha dithis oghaichean aige cuideachd. Thug Diadhaireachd an t-saoraidh buaidh mhòr air [[Fidel Alejandro Castro Ruz|Fidel Castro]] agus bha esan agus Boff nan deagh charaidean.<ref>[http://www.dw.com/bs/boff-fidel-castro-je-nosio-kri%C5%BE-na-grudima/a-36573467 DeutcheDeutsche Welle]</ref>
 
== Àrainneachd ==
Thuirt Boff, ann an oraid a rinn e aig an treas Forum Diadhaireachd agus Saoradh na Cruinne ann am [[Belém]] ann an [[2009]], gu robh esan a' gabhail ri Gaia, an teòiridh a chruthaich am fear-[[saidheans]] [[James Lovelock]]. 'S ann gu bheil an saoghal ag obrachadh mar mhòr-bheathach a tha an teòiridh sin ag obair.<ref>[http://sentiersdefoi.info/peut-on-liberer-les-opprimes-sans-sauver-la-planete/ Sentier de Foi]</ref> ''Chan ann mar phròiseas teignigeach a dh fheumas sinn a' smaoineachadh air eag-eòlas airson goireasan a sholarachadh, ach mar [[ealain]] – 's e ìre ùr ann an dàimh eadainn agus nàdar 's a th' ann sin'' ars esan, agus ''mura nithear sin, lean an saoghal air, ach 's dòcha às ar n-aonais.''
 
== Na Sgrìobh e ==
Line 42 ⟶ 43:
*Meditação da Luz - O caminho da simplicidade. Petrópolis (RJ): Vozes, 2009
 
== Iomraidhean ==
<references/>
{{commonscat}}
 
{{DEFAULTSORT:Boff, Leonardo}}
 
[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Braisil]]
[[Roinn-seòrsa:Aimearaga-laideannachLaideannach]]
[[Roinn-seòrsa:Aimearaga a Deas]]
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs]]
Line 52 ⟶ 57:
[[Roinn-seòrsa:Co-mhaoineas]]
[[Roinn-seòrsa:Creideamh]]
{{DEFAULTSORT:Boff, Leonardo}}
 
{{commonscat}}