An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seán Ó Riada"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 23:
Ann an [[1959]], cho-obraich e le [[George Morrison]] air film ris an canar “Mise Éire”, mu dheidhinn stèidheachadh Phoblachd na h-Èireann. Choisinn e cliù gu nàiseanta, is rinn e sreathan is filmichean eile, m.e. “Saoirse” (1960), “An Tine Bheo” no prògram air rèidio, “Our Musical Heritage”. Thuirt Ó Riada gum bu chòir do dhuine èisteachd ri Seann-Nòs mar a dh’èisteadh pàiste ri òrain às [[na h-Innseachan]].
== Ceoltóirí Chualann ==
Bha e na cheannard air [[Ceoltóirí Chualann]] bho [[1961]] gu [[1969]], is ged a chluicheadh iad ann an talla-ciùil, is deiseachan dubh snasail orra, b’ e puirt is òrain traidiseanta a sheinneadh iad. Bhiodh Seán fhèin a’ cluich air [[bodhran]] no [[cruit-chòrda]] aig meadhan an àrd-ùrlair. Cha robh am bodhran cumanta aig an àm, biodh e dìreach air a chleachdadh le balaich sna sràidean, is cha robh fiù ‘s [[clàrsach|clàrsaichean]] fo an cothrom, mar sin chluicheadh e cruit-chòrda a dhèanadh [[Cathal Gannon]] dha. Ged a bha na h-òrain is puirt ud air an cluiche ann an taighean-seinnse ann an [[Lunnainn]], le Èireannaich a bha a’ fuireach ann, cha chluinneadh iad roimhe an ceòl sna tallachan-ciùil. Chlàr iad ceòl airson “Playboy of the Western World” ([[1962]]), is chluich iad an turas mu dheireadh ann an [[1969]], na tha clàraichte air “Ó Riada Sa Gaiety". Ghabh buill Cheoltóirí Chualann pàirt ann an còmhlan-ciùil ùr a nochd aig an àm, [[The Chieftains]]. Rinn Ceoltóirí Chualann agus daoine eile ath-bheòthachadh air cèol Uí Chearbhalláin san darna leth dhen [[20mh Linn]] agus tha pìosan mar "Sí Bheag, Sí Mhór"<ref>[http://www.oldmusicproject.com/OCC.html Old Music Project]</ref> agus na pìosan a chleachd Planxty ainmeil gus ar làithean.
 
Ged a bha na h-òrain is puirt ud air an cluiche ann an taighean-seinnse ann an [[Lunnainn]], le Èireannaich a bha a’ fuireach ann, cha chluinneadh iad roimhe an ceòl sna tallachan-ciùil.
Chlàr iad ceòl airson “Playboy of the Western World” ([[1962]]), is chluich iad an turas mu dheireadh ann an [[1969]], na tha clàraichte air “Ó Riada Sa Gaiety". Ghabh buill Cheoltóirí Chualann pàirt ann an còmhlan-ciùil ùr a nochd aig an àm, [[The Chieftains]].
== Bliadhnaichean mu dheireadh ==
Bha Ó Riada na òraidiche-ciùil aig Gaeltacht Chúil Aodha, ann an taobh an Iar Chorcaí, is stèidhich e còisir fireann ann, Cór Chúil Aodha. Rinn e an sin ceòl airson aifreann ann an Gàidhlig na h-Èireann, m.e. “Ceol an Aifrinn”, "Ag Críost an Síol", is “Aifreann 2”, a bhuannaich duais ann an [[1979]], an dèidh e bàsachadh. Ghabh e pàirt ann an [[poileataics]] na h-Èireann is bhiodh e am measg daoine cudromach aig an àm. Chaochail e ann an Lunnainn air sgàth [[caitheamh a' ghrùthain]] ann an [[1971]]. Fhuair e tìodhlacadh ann am [[Baile Mhúirne]], Contae Chorcaí, is chluich am pìobaire [[Willie Clancy]] ann.