An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Chorùna"

Content deleted Content added
+ leabhar
No edit summary
Loidhne 15:
Rugadh e ann an Corùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an [[Uibhist a Tuath]]. Bha am baile air ainmeachadh mar chuimhneachan air a shinn-seanair a bha na shaighdear aig [[Corùna]] san Spàinn ann an 1809.
 
Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' [[mailisi|mhailisi]]. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]] far an deach a leòn aig Blàr [[Blàr an Somme]]. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga leigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Òran Arras' agus '[[An Eala Bhàn]]'.
 
Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na [[clachaireachd|chlachair]] agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.
Loidhne 28:
*[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/domhnall_ruadh/am_bard/ BBC Alba:Làrach nam Bàrd:Dòmhnall Ruadh Chorùna]
 
 
{{DEFAULTSORT:Dòmhnall Ruadh Chorùna}}
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Bàird air a bheil ainm air nòs Gàidhealach|Dòmhnall Ruadh Chorùna]]