An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Càrn an Tuirc"

Content deleted Content added
bNo edit summary
b ceartachadh
Loidhne 19:
Tha an t-ainm a' toirt iomradh air [[torc]] a bha ga shealg an sin.<ref name=" Drummond"> Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d.176 </ref>
 
Tha a' bheinn suidhichte dìreach 2.5 km san ear den rathad [[A93]], mu 11km san deas de Bhràigh Mhàrr agus mu 4km san ear thuath de dh'ionad-sgithidhsgìthidh Ghleann Sìth. 'S e an dòigh as luaithe a bhith a' tòiseachadh bhon rathad A93 agus a' dìreadh bho thaobh an iar na beinne. Dh'fhaodadh a ceangal le [[CairnCàrn ofna Claise]], [[Glas Maol]] agus [[Creag Leacach]]<ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/cairngorms/glas-maol.shtml Càrn an Tuirc air Walkhighlands]</ref>, agus fiù 's leis an dà bheinn rothaich san iar, [[Tolmount]] agus [[Tom Buidhe]].
 
'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear [[sgìtheadh|luchd-sgìthidh]] a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas [[Loch na Gàir]] agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.