An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ar-a-mach na Càisge"

Chaidh 396 baidht a chur ris ,  4 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
B' e tachartas cudromach ann an eachdraidh na h-Èireann a bh' ann an '''Ar-a-mach na Càisge''' (''Éirí Amach na Cásca'' sa Ghàidhlig na h-Èireann, ''Easter Rising'' sa Bheurla). Thachair an t-ar-a-mach rè seachdain na Càisge ann an 1916. Thòisich e air Diluain na Càisge, 24 An Giblean 1916. B' i amas aig na reubalaich poblachail ne-eisimeileachd na h-Èireann bhon [[An Rìoghachd Aonaichte|Rìoghachd Aonaichte]]. Aig an àm seo, bha an Rìoghachd Aonaichte 'n sàs anns [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]]. B' e sin an t-ar-a-mach as cudromaiche ann an Èireann bhon t-ar-a-mach ann an 1798.
 
Cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail, agus chaidh na cinn-feadhna a chur gu prìosan is mu dheireadh thall gu bàs: [[Seumas Ó Conghaile]], Pàdraig Pearse, Thomas MacDonagh, Eamonn Ceannt, Sean MacDiarmada, is deichnear eile. Ged nach do shoirbhich iad, b' i bun-stèidh cudromach a bh' anns an ar-a-mach airson oidhirpean eile anns an àm ri teachd.
 
== Ar-a-mach na Càisge ann an Litreachas is Ealain ==
Bha cuid de na cinn-feadhna nan sgrìobhadairean: Pàdraig Pearse, Seumas Ò Conghaile, Thomas MacDonagh, Joseph Plunkett, agus Roger Casement.
 
Sgrìobh am bàrd Èireannach [[William Butler Yeats|Uilleam Butler Yeats]] dàn ainmeil, "Easter 1916".
 
415

deasachadh