An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Toledo"

Content deleted Content added
Loidhne 21:
B' e [[Livius]] a sgrìobh ainm a' bhaile airson a' chiad turais mar ''Toletum''.<ref>[http://www.gutenberg.org/ebooks/12582?msg=welcome_stranger#i7 Livius]</ref> Bheiereadh sin Toletum → Tollitum, → Tollitu → Tollito, → Tolleto → Tolledo → Toledo. Tha e coltach gur ann à ̺''tholius'' ([[Gàidhlig]]: cuach-mhullach) ann an [[Laideann]], Chaidh sin arabachadh gu طليطلة (Tulaytulah) agus iùdhachadh gu טולדות (Toldoth).
==Eachdraidh==
Chaidh am baile a stèidheachadh o chionn linntean leis na Ceiltich. B' e an Ròmanach Marcus Fulvius Nobilior chuir ruaig air na Ceiltich ann an [[193]] ro [[Ìosa Crìosd]].<ref>Richardson J.S, The Romans in Spain, Blackwell, 1996</ref> Thug na h-Arabaich seilbh air Toledo ann an [[711]] agus b' e àite far an robh [[Crìosdaidh|Crìosdaidhean]], [[Iùdhachd|Iùdhaich]] agus [[Ioslam|Muslamaich]] nan tàmh ann an sìth ri chèile fad linntean. Dh' aimeachadh Toldeo [[prìomh-bhaile]] na Spàinne an dèidh gun do chuireadh ruaig air na h-Arabaich san [[11mh Linn]] rud an tug sin piseach air [[eaconomaidh]] a' bhaile.<ref>[https://lanaveva.wordpress.com/2010/02/15/toledo-antigua-capital-del-imperio-espanol-patrimonio-de-la-humanidad/ La Naveva]</ref> Chaill e an inbhe seo ann an [[1561]], nuair a ghluaiseadh am prìomh-bhailwebhaile gu Madrid. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Thuit am baile dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]].<ref>Keene J., Luchando por Franco: Voluntarios europeos al servicio de la España fascista, 1936-1939, Salvat, [[2002]], ISBN 84-345-6893-4.</ref> A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ris a' bhaile fhaighinn air ais. Cuairtich an [[Arm]] an Caisteal ann am meadhan a' bhaile agus bha batal mòr fuilteach ann eadar [[21 an t-Iuchar]] agus [[26 an t-Sultain]] [[1936]].<ref>Preston P., The Spanish Civil War: Reaction, Revolution and Revenge, Harper Perennial, [[Lunnainn]], [[2006]]</ref> Chaill còrr is 100 duine am beatha san chòmhstri agus bhrosnaich na thachair na Reublataich.
 
==Cruinn-eòlas==