An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Girona (provincia)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 18:
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Girona''' ([[IPA]]: ''ʒiˈɾonə'', [[Spàinntis]]: ''Gerona''). Tha e na laighe ann an [[Catalòinia]], air an àirde an ear-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Girona ]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B'e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chatalòinia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Girona fad 5,910km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 756,810 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 40mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 20mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Barcelona (provincia)|Barcelona]], [[Lleida (provincia)|Lleida]] agus An Fhraing.<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e [[Catalanais]] agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha [[Freumh-fhaclachd ]] an àite seo. Tha e coltach gur ann às an [[Abhainn]] Onyar (no Undarios o chionn fhada) a tha e. B’ e Kerunta a bh’ ann an t-ainm Ibearach agus chaidh sin atharrachadh gu Gerunda ann an [[Laideann]] nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.<ref>[http://ciutatdegirona.info/esp/historia-2/posibles-origenes-de-girona/de-kerunta-a-gerunda-los-origenes-de-la-ciudad/ Ciutat de Girona]</ref> Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm, a’ call an d eadar nan connragan, a’ toirt Girona dhuinn an latha an-diugh ann an Catalanais.<ref> De Kerunta a Gerunda: Els Origens de la Ciutat, Palahi L., Nolla J.M., Vivo D. , Ajuntament de Girona, [[2007]], ISBN 9788484960478</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
== Cruinn-eòlas ==
Tha dà [[iadhtag]] ann, a bhuineas do Ghironaː Llívia ann an ceann a tuath na roinne anns [[An Fhraing]] agus Las Llosas, a-muigh Barcelona. Tha iad nan àiteachan fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadorra agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 226 duine a' fuireach anns Las Llosas agus 1,456 ann an Llívia.<ref>[http://www.llivia.org/ Llívia]</ref>
 
==Iomraidhean==
<references/>