An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alberto Lleras Camargo"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Ceannard |honorific_prefix= |ainm=Alberto Lleras Camargo |honorific_suffix= |dealbh= |tiotal=Ceann-suidhe Choloimbia |latha_breith= 3 an t-Iuchar [..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 44:
 
}}
B’ e fear-[[aithris]] agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]] a bh’ ann an '''Alberto Lleras Camargo''' ([[Bogotá]], [[3 an t-Iuchar]] [[1906]] – ibidem, [[4 am Faoilleach]] [[1990]]).<ref>[http://www.colombia.com/colombia-info/historia-de-colombia/presidentes-de-colombia/alberto-lleras-camargo/ Colombia]</ref> Bha e na cheann-suidhe na [[dùthaich|dùthcha]] dà thuras ann am meadhan na [[20mh Linn]]. Phòs e aig Bertha Puga Martínez às [[An t-Sile]] ann an [[1931]] agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. B’ e boireannaich uabhasach cumhachdail a bh’ innte, o chionns gu robh a h-[[athair]] na [[deachdaire|dheachdaire]] thall san dùthaich aige. Bha Lleras Camargo anns na [[ogha|oghaichean]] le [[Carlos Lleras Restrepo]], a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar [[1966]] agus [[1970]].
 
A bharrachd air an lèisinn nuadh agus na dòighean ùra a dh'ionnsaich nuair a bha e thall thairis, bha taic a fhuair e bho [[uachdaran|uachdarain]] beairteach agus ceannardan cumhachdail a' phàrtaidh gu math feumail dha. Chuir e air dòigh glasad raidigeach a-staigh [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia]] air an robh ''La Revolución en Marcha''<ref>[http://partidoliberalcaldas.galeon.com/al_lopez_pum.html Partido Liberal Caldas]</ref> ([[Gàidhlig]]: Ar-a-amach air an t-Slighe) a bha airson aonaidhean-ciùirde a chuthachadh agus talamh a thoirt air falbh bho daoine beairteach. Le sin, bhòtadh na daoine bochda às an dùthaich dha. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho [[1934]] gu ruige [[1938]] agus an uair sin bho [[1942]] gu ruige [[1946]]. Chuir e taic dha [[Na Stàitean Aonaichte]] anns [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Chogadh]]. B' e esan a thug taic do [[Julio César Turbay Ayala]]<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/biografias/turbay-ayala Banrepcultural]</ref> agus [[Carlos Lleras Restrepo]], a bhiodh nan cinn-suidhe bliadhnaichean an dèidh López Pumarejo.<ref>[http://www.indiana.edu/~league/ministercolumbia.htm Oilthigh Indiana]</ref> Thug [[Darío Echandía Olaya]] àite Phumarejo dà thuras: fad mìos eadar [[1943]] agus [[1944]]<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/todaslasartes/obrames/minisdos/minisdos1.htm Banrepcultural]</ref> nuair a bha bean Phumarejo tinn agus greiseag eile ann an 1944 nuair a bhathar airson Pumarejo a thoirt fo bhruid.