An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill"

Content deleted Content added
minimal renamings
bNo edit summary
Loidhne 11:
}}
 
Rugadh '''Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill''' ann am [[Peighinn nan Aoireann]] ‘saann an [[Uibhist a Deas]] ’sa bhliadhna [[1919]], an treas leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’ e [[seanchaidh]] ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd am measg bàird [[Clann Dhòmhnaill|Chlann Dhòmhnaill]], na MicRuairidh, air [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilean Sgitheanach]]. Air taobh a mhàthar bha [[Dòmhnall Ruadh Phàislig]] aige mar uncail agus b’ e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncail, Niall, fhuair e eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh shònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris an 17mh agus 18mh linn.
 
Aig aois 18 ghabh e àite anns [[a’ Mhailisidh]]. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an [[Dàrna Cogadh|Dara Cogadh Mòr]]. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala e an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dha fhèin cho borb ‘s a bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] den arm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt orra. Cha robh aca ach gunnaichean làimh agus iad a' sabaid an aghaidh thancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chur sìos gus nach biodh an còrrr bàis ann.