An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gaor Bheinn"

Content deleted Content added
Duilleag ùr
 
bNo edit summary
Loidhne 17:
’S e beinn ann am Frìth [[Loch Eil]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ ann an '''Gaor Bheinn''', ''Beurla'': '''Gulvain'''<ref>Ordnance Survey Landranger 40</ref>. Tha e 987m de dh’àirde agus ’s e [[Beinn Rothaich]] iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar eadar [[Loch Airceig]] agus Loch Eil. Tha a druim a' ruith bhon deas dhan tuath agus tha dà mhullach air. Ged a tha trigpoint air mullach a deas na beinne, 's e mullach a tuath am mullach as àirde.
 
Tha ceum a' leantainn bhon rathad A830 eadar [[An Gearasdan]] agus [[Malaig]] tro Ghleann na Fionnlighe gu bonn na beinne. Mar as trice bithear an uair sin a' dìreadh air an druim chun nam mullach, agus a' tilleadh san aon dòigh<ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/fortwilliam/gulvain.shtml Gaor Bheinn air Walkhighlands]</ref>. Dh'fhaodadh cuideachd a cheangal le Bràigh nan Uamhachan agus Streap agus a' tilleadh bho sin a [[Gleann FhionnghainnFhionghain|Ghleann FhionnghainnFhionghain]]<ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/Forum/viewtopic.php?f=9&t=32953 Gaor Bheinn agus Streap air Walkhighlands]</ref>. Chan eil ceumannan ann ach anns na glinn, agus bithear a' dìreadh agus a' cromadh air leathadan cas, feurach.
 
Bho mhullach Gaor Bheinn gheibhear seallaidhean air beanntan [[Cnòideart|Chnòideirt]], [[Loch Cuaich]], [[Loch Abar]] agus [[Àird Gobhair]].