An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Buachaille Èite Mòr"

Content deleted Content added
Duilleag ùr
 
3 mullaich eile
Loidhne 14:
}}
 
'S e [[beinn]] mhòr no [[aonach]] ann an [[Gleann Comhann]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ ann am '''Buachaille Èite Mòr''', Beurla: ''Buachaille Etive Mor''. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas. Tha dà [[Beinn Rothaich|Bheinn Rothaich]] air: '''Stob Dearg''' (1,021m) agus '''Stob na Bròige''' (956m). Tha trì mullaich eile air, '''Stob Coire Altruim''' (941m), '''Stob na Doire''' (1,011m) agus Stob mullach a tha gun ainm anns a' mhapa, a tha 902m de dh'àirde. Tha Stob Dearg ainmeil am measg luchd-streap agus bidh iad a' streap diofar slighean air taobh tuath na beinne, mar eisimpleir ''Crowberry Ridge'' agus ''Curved Ridge''. Tha a' bheinn san deas air an [[rathad A82]] tro Ghleann Comhann agus san iar air an rathad tro Ghleann Èite. Tha a h-aghaidh ainmeil agus a' nochdadh ann an iomadh dealbh den ghleann.
 
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82 aig Allt na Feadh, agus a' dìreadh Coire na Tulaich. dh'fhaodadh an uair sin dìreadh an dà Bheinn Rothaich, tilleadh dhan bhealach agus cromadh tro Coire Altruim<ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/fortwilliam/buachailleetivemor.shtml Buachaille Èite Mòr air Walkhighlands]</ref>.