An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seumas Mac a' Phearsain"

Content deleted Content added
beatha
Loidhne 6:
== Beatha ==
[[File:Ruthven Barracks (1).jpg|thumb|Gearasdan Ruadhainn ann am Bàideanach]]
Rugadh Mac a' Phearsain ann an Inbhir Tromaidh, [[Ruadhainn]] ann am [[Bàideanach]], agus bha [[Gàidhlig]] aige bho thùs. Mar a mhìnich [[Ruaraidh MacThòmais]], "balach a chaidh a thogail faisg air gearasdan Ruadhainn ann am Bàideanach, far an deach an t-arm Seumasach ma sgaoil an dèidh [[Blàr Chùil Lodair|Blàr Chuil-lodair]], chan eil rian nach biodh e eòlach air a' chreich 's air a' bhriseadh-dùil a dh' fhuiling na Gàidheil an dèidh [[Bliadhna a' Phrionnsa|Bliadhna Theàrlaich]]."<ref>MacThòmais, Ruaraidh. "Seumas Mac a' Phearsain." ''Ainmeil an Eachdraidh''. Deas. le Ruaraidh MacThòmais. Glaschu: Gairm, 1997. d. 88</ref> Chaidh e gu sgoil-pharaiste ann an Ruadhainn, is an uair sin gu sgoil-ghràmair ann an Inbhir Nis. Bho 1753 a-mach chaidh e don [[Oilthigh Obar Dheathain|King's College]] ann an [[Obar Dheathain]] agus an uair sin do dh'[[Oilthigh Dhùn Èideann]]. Cha d' fhuair a ceum agus ann an 1756, thill e do Ruadhainn agus bha e a' teagaisg anns an sgoil-pharaiste. Mu 1758, chaidh e do Dhùn Èideann a-rithist agus fhuair a dreuchd mar oide-ionnsachaidh ann an teaghlach uasal, Graham of Balgowan. Anns na 1760, dh'fhàs e ainmeil mar eadar-theangaire agus deasaiche bàrdach Oisein. Ann an 1764, fhuair Mac a' Phearsain dreuchd mar rùnaire àrd-riaghladair Mór-roinntean an Iar, agus chaidh e a dh' Aimeireaga. Bha e ann airson dà bhliadhna agus thadhail e air Na h-Innseachan an Iar. Thill e ann an 1766 agus ghabh e còmhnaidh ann an Lunnainn. Bha e ag obair airson an riaghaltais agus cuideachd airson Iain Mac a' Phearsain (às an Eilean Sgitheanach bho thùs) a bha na àrd-riaghladair Na h-Innseachan aig an àm seo. Ann an 1780, fhuair Mac a' Phearsain àite anns a' Phàrlamaid agus bha e na bhall Phàrlamaid gu 1796. Bha Mac a' Phearsain beartach dha-rìribh, cheannaich e fearann ann am Bàideanach agus thog e taigh mòr spaideil ann, leis an ainm Balavil. Bha deagh chliù aige mar uachdaran, oir bha e fialaidh agus fiùghantach.<ref name=":0" /> Nuair a bhàsaich e ann an 1796, chaidh a thìodhlacadh ann an Abaid na h-Iar-mhanachainn (Westminster).
 
Cheannaich e fearann ann an Bàideanach agus thog e taigh mòr spaideil ann, leis an ainm Balavil. Bha deagh chliù aige mar uachdaran, oir bha e fialaidh agus fiùghantach.<ref name=":0" />
 
== Litreachas ==