An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seumas Mac a' Phearsain"

Content deleted Content added
beatha
beatha, Oisean
Loidhne 3:
 
== A Bheatha ==
Rugadh Mac a' Phearsain ann an Inbhir Tromaidh, [[Ruadhainn]] ann am [[Bàideanach]], agus bha [[Gàidhlig]] aige bho thùs. Mar a mhìnich [[Ruaraidh MacThòmais]], "balach a chaidh a thogail faisg air gearasdan Ruadhainn ann am Bàideanach, far an deach an t-arm Seumasach ma sgaoil an dèidh [[Blàr Chùil Lodair|Blàr Chuil-lodair]], chan eil rian nach biodh e eòlach air a' chreich 's air a' bhriseadh-dùil a dh' fhuiling na Gàidheil an dèidh [[Bliadhna a' Phrionnsa|Bliadhna Theàrlaich]]."<ref>MacThòmais, Ruaraidh. "Seumas Mac a' Phearsain." ''Ainmeil an Eachdraidh''. Deas. le Ruaraidh MacThòmais. Glaschu: Gairm, 1997. d. 88</ref>
 
Bho 1753 a-mach chaidh e don [[Oilthigh Obar Dheathain|King's College]] ann an [[Obar Dheathain]] agus an uair sin do dh'[[Oilthigh Dhùn Èideann]]. Aig an àm ud, thòisich e bàrdachd a sgrìobhadh, mar eisimpleir "The Highlander" ann an 1758, ach cha deach mòran dhiubh foillseachadh.
 
== Oisean ==
Dh’fhàs eMac a' Phearsain ainmeil air sgàth 's an "eadar-theangachadh" de na ''Fragments of Ancient Poetry'', dh’fhoillsichte le Hugh Blair ann an 1760. Bha na leabhraichean ''Fingal, an Ancient Epic Poem in Six Books'' (1761), ''Temora'' (1763) agus ''The Works of Ossian'' (1765) ga leantainn.
 
Rinn e turas gu math farsaing air feadh na Gàidhealtachd, air siorrachdan [[Peairt|Pheairt]], [[Earra-Ghàidheal|Earra-Ghàidheil]] is [[Inbhir Nis]], air [[Muile]], [[Uibhist]] is air an [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]], is e a' cruinneachadh làmh-sgrìobhainnean agus beul-aithris.
 
Fhuair iad cliù mar obair den òranaiche Gàidhealach [[Oisean]]. Bhathar den bheachd gum b’ e cruinneachadh de sheann beul-aithris a bh’ annta, a lorg Macpherson air [[a' Ghàidhealtachd]] is [[na h-Eileanan Siar]]. Chaidh na leabhraichean eadar-theangachadh ann an cànain Eòrpach eile, far an robh iad tarraingeach don luchd-leughaidh cuideachd agus a’ leantainn do àm Romansach. Leis an ùidh ann an Oisean dh'atharraich an t-ainm "Erse" gu Gàidhlig airson Gàidhlig na h-Alba. <ref>[[Charles Withers| Withers, C.]] (1984) ''Gaelic in Scotland 1698 to 1891: the geographical history of a language''. Dùn Èideann: John Donald Publishers Ltd. ISBN 0859790979 </ref>