An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Primo Levi"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
 
==An Cogadh==
Ann an [[1943]] dh' fheuch e agus a chuid charaidean a dhol dhan fheachdan a bha a' strì an aghaidh nan Nàsach. Bha iad air leth gorm le sin agus chaidh an chur an greim leis a' Mhailisidh air [[13 an Dùbhlachd]] 1943.<ref>[http://www.atuttascuola.it/collaborazione/emiliano/se_questo_e_un_uomo.htm A Tutta Scuola]</ref> Lìbhrig iad Levi do dh'[[Arm]] na [[A' Ghearmailt|Gearmailt]], oir dh' aidich e gur e Iùdhach a bh' ann los nach loisgeadh iad airsan anns a' bhad. Bha e na phrìosanach ann am [[fossoliFossoli]] mus deach a chur às an tìr air [[21 an Gearran]] [[1944]] agus an ceann mìos ràinig e [[Monowice]] (Monowitz), fear dhe na campaichean am broinn aitreabhan Auschwitz, suidhichte anns [[A' Phòlainn]] fo bhuaidh nan Nàsach. B' urrainn dha maireachdainn beò fad deich mìos gus a shaoraich an t-Arm Dearg an campa. Chaidh 650 Iùdhaich às an Eadailt còmhla ris ach cha robh ach dìreach 24 dhiubh beò aig deireadh a' chogaidh.<ref>[http://www.theguardian.com/film/2006/oct/14/primolevi The Guardian]</ref> Chuir e seachad naoi mìosan air an rathad mus d'fhuair e dhachaigh. Cha do dh'aithnich an dorsair e, leis cho bochd robach salach 's a bha e.
 
==An dèidh a' Chogaidh==
Phòs e Lucia Morpurgo ann an [[1947]]. Fhuair iad dithis duine-chloinne còmhla: lisa [[1948] agus Enzo [[1957]]. Thoisich e a' cantainn mu dheidhinn na thachair thall sa Phòlainn agus chuireadh e seachad oidhcheannan a' sgrìobhadh. Beag air bheag nochd a' chiad nobhail aige, ''Se questo è un uomo'', a chaidh foilleachadh ann an 1947.<ref>[http://doc.studenti.it/riassunto/italiano/se-questo-uomo-primo-levi.html Studenti]</ref> Lean e air ag obair mar cheimigear agus sgrìobhadair fad a bheatha.
 
==Bàs==