An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Dàrna Cogadh"

Content deleted Content added
b Robot: ca:Segona Guerra Mundial is a good article; cosmetic changes
No edit summary
Loidhne 17:
 
=== [[Uile-losgadh]] ===
Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is [[murt]] den [[Iùdhachd|Iùdhaich]] Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh [[Adolf Hitler]] air a' chuspair sin san leabhar leis - ''Mo Chath Fhein'' (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san [[Chiad Cogadh t-Saoghal|Chiad Cogadh]]. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.
 
Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na [[Roinn-Eòrpa]], mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), Mauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Ravensbrück is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.