An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Caimbeul (Am Bocsair)"

Content deleted Content added
a bheatha, bàrdachd, leabhar-chlàr
ainmean anns an teaghlach
Loidhne 2:
 
== A bheatha ==
Rugadh Aonghas Caimbeul, mac Alasdair Mhurchaidh Òig à Suaineabost, ann an Nis air 3 Sultain 1908.<ref name=":0">[http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/aonghas_caimbeul_am_bocsair/ BBC Alba Bliadhna nan Òran: Am Bocsair]</ref> Thàinig far-ainm 'Am Bocsair' air ann an Sgoil Chrois seach gun dèanadh e sabaid cruaidh le a dhà dhòrn.<ref name=":1">[http://gaelicresources.co.uk/images/grd/multimedia/baird/ambocsair.htm GRD: Am Bocsair]</ref> Bha mac eile anns an teaghlach le aon ainm, Aonghas, agus 's e 'Am Puilean' am far-ainm a bh' air.<ref name=":1" /> B' e gnàthachadh gu math cumanta a bh' ann aig an àm seo.<ref>Black, R. ''An Tuil'' (Dùn Èideann: Polygon, 1999) d. 762.</ref> B' e miseanaraidh anns an [[An Eaglais Shaor|Eaglais Shaor]] a bha na athair, Alasdair Mhurchaidh Òig.
 
Bha e a' cumail bùth ann an Nis agus airson greiseig, bha e ag obair ann an Glaschu, ann an Ospadal Hawkhead.<ref name=":0" /> Ann an 1937 phòs e Màiri Mhoireach, tè a bhuineadh do Dhail bho Dheas, cuideachd ann an sgìre Nis. Bha trìur mhac agus aon nighean aca. Tha [[Tormod Caimbeul|Tormod a' Bhocsair]] agus [[Alasdair Caimbeul|Alasdair a' Bhocsair]] nan sgrìobhadairean ainmeil.