An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Henry Dieckhoff"

Content deleted Content added
No edit summary
minimal renamings
Loidhne 1:
Bha '''An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff''' ([[Ruisis]]: ''Генрих Кирилл Дикхофф'') ([[Moscobha]], [[1869]] - [[1950]]) 'na [[Manach|mhanach]] agus 'na [[Cànanaiche|chànanaiche]] [[An Ruis|Ruiseanach]] a bha a' fuireach ann an [[Cille Chuimein|Abaid Chille Chuimein]] a-mach o 1891.<ref>[http://www.corbie.com/Monks.html Comann Seann Sgoilearan Sgoil Abaid Chille Chuimein]</ref> Rugadh e ann am [[Moscobha]] agus bha athair 'na [[aoghaire]] [[Martin Luther|Lutheranach]] ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige [[A' Ghearmailt|sa Ghearmailt]] a chionn 's gun robh a mhàthair 'na [[Caitligeach]] is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh.<ref name=CO>''Boy from Moscow'' on Catholic Herald 11 dhen Lùnastal 1950</ref> Chaidh e dhan oilthigh ann am [[Berlin]] agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891.<ref name=CO/> Fhuair e inbhe [[Sagart|sagairt]] sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.<ref name=CO/>
 
[[FileFaidhle:Fort Augustus Abbey - geograph.org.uk - 1708052.jpg|thumb|right|Abaid Chille Chuimein]]
Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig [[Gleanna Garradh|Ghleanna Garradh]] a dh'fhoillsich e san fhaclair aige ''A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic''.<ref>Dieckhoff, H. ''A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic'' (1932)</ref> Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932.<ref name=CO/> Tha am faclair seo annasach a chionn 's gu bheil fuaimneachadh de gach facal ann, chan ann san [[An tuiseal ainmearach|tuiseal ainmearach]] a-mhàin ach san [[An tuiseal ginideach|tuiseal ghinideach]] cuideachd a thaobh nan [[Ainmear|ainmearan]].
 
Loidhne 9:
<references/>
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Cànanachas]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Gàidhlig]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:An Ruis]]
 
{{Luchd-cànanachais na Gàidhlig}}