An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Éideard Dwelly"

Content deleted Content added
A bheatha, Am faclair
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Edward Dwelly.png|thumb|Eideard Dwelly ris a' chlò-bhualadh]]
'S e '''Éideard Dwelly''' (2.2.[[1864]], [[Twickenham]] - 25.1.[[1939]] ) a rinn am faclair a bu chudromaiche sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] - ''Faclair Gàidhlig gu Beurla le dealbhan''. Chlò-bhuail, cheangail, agus chruinnich e e, agus rinn e na dealbhan cuideachd. Thàinig e a-mach ann [[1911]]. 'S e [[Sasainn|Sasannach]] a bha ann bho thùs, ach shiubhail e leis an [[arm]] a dh’[[Alba]], far an do chuir e an t-ainm “Eòghann Dòmhnallach” air fhèin. 'S e obair luachmhor a rinn e, ach cha do ghabh e a-riamh an duais a b' fhiach e air a shon.
 
== A bheathaBheatha ==
Nuar a bha Dwelly fhathast san sgoil, thòisich ùidh mhòr a bhith aige ann an Gàidhlig agus ann am pìobaireachd. Ghabh e dha na London Scottish Volunteers, agus mar seo, bha cothrom aige a bhith a' cluiche na pìoba.<ref name=":0">Gough, Harold. "Eideard Dwelly, Eoghan MacDhòmhnaill agus Am Faclair Mòr". [[Gairm]] 164, Am Foghar 1993.</ref> Ann an 1890s, dh'atharraich e ainm, oir bha Eòghan MacDhòmnaill nas fhreagarraiche airson a' phìobaire. Dh'fhàg e Sasainn agus ghluais e a dh'Alba. Phòs e boireannach aig an robh Gàidhlig, Màiri NicDhùghaill.<ref name=":0" /> Aig an àm seo, thòisich e obair air am faclair Gàidhlig ùr.
 
Thill an teaghlach a Shasainn a-rithist, agus bha iad a' fuireach ann am Skeete, ann an sgìre Kent, agus ann an Herne Bay.
 
== Am faclair ==
Tha am [[faclair]] a sgrìobh Dwelly ann an clò fhathast.<ref>Dwelly, Edward (1911), ''Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/The Illustrated Gaelic - English Dictionary'' (10mh Clò-bhualadh), [[Dun Eideann|Dùn Èideann]]: Birlinn Limited, ISBN 1-874744-04-1</ref> Tha 1034 duilleagan ann agus iomadh dealbh. Tha e soilleir ris an leughadair gur e obair uabhasach mhòr a tha anns an fhaclair a rinn Dwelly. Ann an ro-ràdh an fhaclair sgrìobh Dwelly gun robh e taingeil don Rìgh airson a chuideachadh agus bha e taingeil cuideachd do a bhean. Nuair a bha Am Faclair deiseil, thòisich e obair air sloinneadh, ''Dwelly's Parish Records''.<ref name=":0" />
 
== Sgrìobhadh mu a dheidhinn ==
* Gough, Harold. "Eideard Dwelly, Eoghan MacDhòmhnaill agus Am Faclair Mòr". [[Gairm]] 164, Am Foghar 1993.
 
==Faic cuideachd==
* [[Faclairean Gàidhlig]]