An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Glaschu"

Content deleted Content added
b Robot: af:Glasgow is a featured article; cosmetic changes
Loidhne 43:
 
=== Taobh a Deas ===
Thathar Taobh a Deas air a' phàirt de Ghlaschu a tha deas air Abhainn Chluaidh. Ged as e gu mòr ceàrn còmhnaidheach a tha innte, tha caochladh fheartan ainmeil ann, m.e. na prìomh-àrosan aig a' [[BBC Scotland|BhBC Scotland]] agus an [[STV]], lann-cluiche buill-choise nàiseanta [[Pàirc Hampden]] no grun phàircean, nam measg [[Pàirc Dùthcha Pollok]], an tè as motha ann an Glaschu anns a tha an cruinneachadh ealain cliùiteach [[Cruinneachadh Bhurreill]]. Tha mòran [[iomall-bhaile|iomall-bhailtean]] agus [[baile-eisimeil|bailtean-eisimeil]] aig Glaschu anns na siorrachdan an cois a' bhaile, m.e. [[An Ruadh-Ghleann]] agus [[Camas Long]] ann an [[Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas|Siorrachd Lannraig a Deas]] no [[Giofnag]] ann an [[Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear|Siorrachd Rinn Friù an Ear]].
 
=== Glaschu a Tuath ===
Tha Glaschu a Tuath a' sgaoileadh gu [[Bruach Chluaidh]] ann an [[Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar|Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar]] agus [[Cille Phàdraig Ùr]], [[Muileann Dhàibhidh]] agus [[Coille Dobhair]] ann an [[Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear|Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear]]. Lorgar ann an dà chuid ceàrnan nas beartaiche mar [[Taobh Cheilbhin a Tuath|Thaobh Cheilbhin a Tuath]] ann an [[Cnoc Mhoire]], ceàrnan ath-ghinte mar [[Ruchill]] agus ceàrnan nas bochda mar [[Pàirc Phosail|Phàirc Phosail]] no [[Sighthill]] far a bheil as àirde àireamh nan [[comraiche]]an. Tha [[Rathad-Uisge Fhoirthe is Chluaidh]] a' ruith troimhe: canàl a bha glè chudromach airson eaconomaidh a' bhaile anns an 19mh linn, mar a bha factaraidh airson pùdair gealachaidh Naomh Rollox ann an [[Allt an Fhuarain]], aig aon àm factaraidh ceimigeach nas motha anns an t-saoghal.<ref>T.C. Smout: ''A History of the Scottish People 1560-1830'', 1969, td 361.</ref>
 
== Sluagh-thomhas ==
Tha Glaschu na cathair le àireamh-sluaigh as motha ann an Alba airson na linntean. Eadar na 1920an is na 1960an bha barrachd air aon mhillean duine a' fuireach anns a' chathair, leis an àireamh a bu mhotha air a' chlàradh ann an 1931, nuair a ràinig e 1,088,000.<ref>[http://www.demographia.com/db-glasgow.htm Demographia: Glasgow: ''Population & Density 1891-2001'']</ref>
 
Loidhne 55:
Leis an in-imrich eachdraidheil bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan do Ghlaschu, tha coimhearsnachd gu dàimheach mòr den luchd-labhairt na Gàidhlig ann. Gu ruige 7/4/2013, chan deach toradh a' chunntais-sluaigh 2011 fhoillseachadh, ach aig àm a' chunntais-sluaigh 2001, bha 0.94%, .i. beagan nas lugha na 6,000 duine, ga bruidhinn ann.<ref>[http://www.scrol.gov.uk/scrol/browser/profile.jsp?profile=Population&mainLevel=Locality&mainText=Glasgow&mainTextExplicitMatch=true&compLevel=CountryProfile&compText=&compTextExplicitMatch=null Scotland's Census Results OnLine]</ref>
 
== Giùlan ==
=== Rathad-iarainn ===
[[Faidhle:WelcomeToQueenStreetFailteGuSraidNaBanrighinn Glasgow.jpg|thumb|right|Sràid na Banrighinn]]
Tha siostam mòr [[giùlan]] ann an Glaschu. Tha [[Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu]] agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus [[Sasainn]] agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus [[Dùn Èideann]].
 
=== Fo-rèile ===
Dh'fhoillsich rèile fon talamh Ghlaschu no Glasgow Subway air 14 Dùbhlachd 1896 mar an treas siostam fo-rèile anns an t-saoghal (as dèidh fo-rèilean [[London Underground|Lunnainn]] agus [[Budapesti metró|Budapest]]). Chaidh a dealanachadh ann an 1937, ach cha do dh'atharraich cùrsa na dà loidhne aice. Tha an "Cearcall a-muigh" a' ruith gu deiseil agus an "Cearcall a-staigh" gu tuathail. 'S iad na stèiseanan (a' leantainn a' Chearcall a-muigh): [[Pàrtaig]] - [[Kelvinhall]] - [[Ceann a' Chnuic]] - [[Kelvinbridge]] - [[St George's Cross]] - [[Cowcaddens]] - [[Buchanan Street]] - [[St Enoch]] - ''(fon Abhainn Chluaidh)'' - [[Bridge Street]] - [[West Street]] - [[Shields Road]] - [[Pàirc a' Choinein]] - [[Cessnock]] - [[Ibrox]] - [[Baile a' Ghobhainn]] - ''(fon Abhainn Chluaidh)'' - Pàrtaig. 'S e [[Strathclyde Partnership for Transport]] (SPT) a tha ag obrachadh na rèile.
 
=== Rathaidean ===
Tha an rathad as trainge ann an Alba, am M8 (o [[Langbank]] gu Dùn Èideann) a' ruith tron bhaile, is pàirt dhith na tè de na crìochan Meadhan na Cathrach. Tha rathaidean mòra eile a' sgaoileadh a-mach às-san anns a' chathair: an A82 (air a tha "Rathad Mòr an Iar" cuideachd) taobh [[Earra-Ghàidheal]] agus na [[Gàidhealtachd na h-Alba|Gàidhealtachd]] gu ruige [[Inbhir Nis]], am M80 gu [[Sruighlea]], am M77 gu [[Cille Mheàrnaig]], agus am M74/A74(M) gu [[Greatna]].
 
=== Busaichean ===
[[Faidhle:Renfrew Ferry 2010-2.jpg|thumb|right|Aiseag Rinn Friù]]
'S e [[Stèisean Bhusaichean Bochanan]] am prìomh stèisean bhusaichean anns a' chathair. Tha e stèidhichte ann am meadhan na cathrach, beagan an taobh a tuath air stèisean-rèile Sràid na Banrighinn. 'S e an SPT a tha ag obrachadh an stèisein, ach tha seirbheisean nam busaichean fhèin ag obrachadh le [[First]], [[McGill's]], [[Stagecoach]] agus [[Glasgow Citybus]].
 
=== Puirt-adhair ===
Tha trì puirt-adhair faisg air Glaschu: [[Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu]] (còd GLA) eadar Glaschu, [[Pàislig]] agus [[Rinn Friù]], an dàrna port-adhair as motha ann an Alba (an dèidh Port-adhair Dhùn Èideann); [[Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig]] (PIK) aig [[Preastabhaig]] (an taobh a tuath air [[Inbhir Àir]]); agus [[Port-adhair Dhùn Èideann]] (EDI) fhèin.
 
=== Aiseagan ===
Bha iomadh aiseig anns a' bhaile, ach chan eil ach am fear bhon [[An Eochair|Eochair]] gu [[Rinn Friù]] ag obair tuilleadh.
 
Loidhne 100:
* [[Lord Alexander R. Todd]] (1907–1997), ceimeagair
* [[Edwin Morgan]] (1920–2010), [[bàrd]]
* [[Jimmy Reid]] (1932–2010), ball aonaidhean-ciùird
* [[Stuart Christie]] ([[1946]]), sgrìobhadair
* [[Donovan]] (r. 1947), ceòladair
Loidhne 111:
== Bailtean co-cheangailte ==
* [[Faidhle:Flag of Spain.svg|22px]] [[Barcelona]], (An Spàinn)
* [[Faidhle:Flag of Palestine.svg|22px]] [[Bethlehem]] (Palastain, o 2007)
* [[Faidhle:Flag of China.svg|22px]] [[Dalian]] (Sìona, o 1997)
* [[Faidhle:Flag of Cuba.svg|22px]] [[La Habana]] (Cùba, o 2002)
* [[Faidhle:Flag of Pakistan.svg|22px]] [[Lahore]] (Pagastàn, o 2006)
* [[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Marseille]] (An Fhraing, o 2006)<ref>[http://www.annuaire-mairie.fr/ville-marseille.html Annuaire de France]</ref>
* [[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Nürnberg]] (A' Ghearmailt, o 1985)
* [[Faidhle:Flag of Russia.svg|22px]] [[Rostov-na-Donu]] (An Ruis, 1986)
* [[Faidhle:Flag of Italy.svg|22px]] [[Torino]] (An Eadailt, 2003)
 
== Iomraidhean ==
Loidhne 134:
[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]
 
{{Link FA|af}}
{{Link FA|ru}}
{{Link FA|sco}}