An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rob Ruadh MacGriogair"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
Bha '''Raibeart Ruadh MacGriogair''', ([[7 am Màrt]] [[1671]] - [[28 an Dùbhlachd]], [[1734]]), no '''Rob Ruadh''' mar a bu trice a theirte ris,<ref>Historical Memoirs of Rob Roy and the Clan MacGregor; K. Macleay, M.D.; Edinburgh, William Brown, 1881</ref> na dhuine ro chliùteach ann an [[Alba]] aig toiseach na h-ochdamh linn deug. Aig amannan bha e na fhear-gnothaich speiseanta, ach aig amannan eile 's e fear-togail-creich a bh' ann, agus chuir e seachad mòran dheth bheatha fo chàrn.<ref>Rob Roy MacGregor,His Life and Times, by W H Murray; Published by Conongate books Ltd 3ed ed 1996.</ref>
 
Rugadh Rob Ruadh ann an [[Gleann-Gaoil]], aig ceann [[Loch Ceiterein|Locha Ceiterein]], mar a gheibhear a-mach ann an Clàr nam [[baisteadh|Baistidhean]] Sgìre Bhochanan. B' iad Dòmhnall MacGregor agus Mairead Chaimbeul a phàrantan. Phòs e Màiri Eilidh NicGriogair à Comar, a rugadh aig an fhearann Lànaidh, [[An t-Iomaire Riabhach]]. Phòs iad ann an Glenarklet[[Gleann annAircleid]] san Fhaoilteach [[1693]].<ref>The Highland rogue: or, the memorable actions of the celebrated Robert MacGregor, commonly called Rob Roy, by Elias Bockett, possibly Daniel Defoe; 1724. Published by ECCO Print Editions</ref> Rugadh ceathrar mhac dhaibh: Seumas Mòr, Rànall, Coll, agus Raibeart, neo Rob òg mar a b' fheàrr a dh'aithneachadh e.
 
Bha Raibeart na [[Na Seumasaich|Sheumasach]] bhon bhroinn,<ref>Rob Roy MacGregor,His Life and Times, by W H Murray; Published by Conongate books Ltd 3ed ed 1996.</ref> agus thathar ag ràdh gun robh e an làthair aig [[Cath Raon Ruairidh]], [[1689]]; gu deimhinne bha e fhèin agus a dhaoine an sàs ann am [[Blàr Ghleann Sheile]], [[1719]]. Ach chaill e [[Blàr Sliabh an t-Siorraim]], [[1715]] ged a mhiannaich e bhith ann.