An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ken Kesey"

Content deleted Content added
New page: B'e Ken Kesey (rug. 17 den t-Sultain 1935 - 10 den t-Samhainn 2001) ùghdar Aimearaganach a tha is ainmeil airson an leabhar aige, One Flew Over the Cuckoo's Nest. == Beatha Trath == R...
 
No edit summary
Loidhne 14:
== Beatha as deidh One Flew Over the Cuckoo's Nest ==
 
Leis am beartas ùr a bha aige, cheannaich Kesey tuathanas ann an California far an robh e fhèin agus a charaidean a' deuchainn leis an drog LSD. Bha e a' creidsinn gum b'urrainn dha drogaichean mar LSD a bhith air an cleachdadh airson stuidsean inntinn eadar-ealaichte a' ruighinn agus gum b'urrainn dha seo sòisealtas a' leasachadh. Bha beachdan mar seo, comhla ris an iomagain a bha aig cuid de dhaoine mu dheidhinn drogaichean anns na seasgadan, dha thoirt gu aire na h-ùghdarrasan laghail, agus aig aon puing bha aig Kesey ri teich air falbh gu Meagsaco nuair a' lorg poilis e a' feuchainn ri cainb a fhliuch shìos taigh-beag. Nuair a thill e gu na Staìtean Aonaichte bha e air a chuir an laimh agus bha air a chuir gu prìosan airson iomadh mìos.
 
Ann an 1964, nuair a bha aige ri siubhal tarsainn Aimearaga gun Eabhraig Nuadh airson am foillseachadh den dara nobhail aige - Sometimes a Great Notion - chaidh e fhèin agus a charaidean (mar Neal Cassady) a bha gu lèir ann am buidhean leis den t-ainm 'The Merry Pranksters', air turas tarsainn an duthaich ann am bus sgoil aosd a dh'ainmich iad Furthur (Further - nas fhada). Tha leabhar Tom Wolfe - The Electric Acid Kool-Aid test - na chunntas den turas seo agus bha e uabhasach poblach leis an linn de hippies a bha ann anns na seasgadan. Thàinig cuid den feallsanachd agus na stoidhlaichean aig an linn seo bho duilleagan an leabhar.