An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Chàisg"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding zea:Paese
No edit summary
Loidhne 27:
== Cleachdaidhean anns a’ chreideamh Chrìosdail ==
A-rèir nan eaglaisean Crìosdail tha a' Chàisg a' tòiseachadh tràth sa mhadainn, nuair a chunnaic na boireannaich an uamh fhalamh. Tha e sgrìobhte anns a' [[Bìoball|Bhìoball]]: ''"Agus thàinig iad gu ro mhoch air madainn a’ cheud là de’n t-seachduin chum na h-uaighe, aig éirigh na greine"''. <ref>Marc, caib. XVI , rann 2, Tiomnadh Nuadh, Commun-Bhìobull Dùthchaill na h-Alba, Dùn Èideann agus Glaschu</ref>
Mar sin bidh [[aifreann]]an na Càisge a’ tachairt oidhche [[Di-Dòmhnaich]] (uaireannan oidhche Shathairne) neo aig èirigh na grèine Di-Dòmhnaich. Mar as trice thèid teine beag a losgadh air beulaibh na h-[[eaglais]]e, far an losgar [[coinneal]] na Càisge mus tèid an luchd creideamh a-steach dhan eaglais. Le coinneal na Càisge bidh an t-[[sagart]] a’ coisrigeadh an uisge-choisrigte ùir anns an aifreann.
 
Tha èirigh na greine na phàirt cudthromach ann an tradaisean na Càisge. Anns a’ chreideamh Chrìosdail 's e ìomhaigh a th’ ann gum bi a h-uile duine ag èirigh an dèidh bàis. Tha e a’ nochdadh ann an òrain na h-eaglaise neo ann an dealbhan cuideachd.