An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"

Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Adding az:Şəkər
Loidhne 11:
Le bhith a’ cleachdadh dòighean dèanaimh às na h-Innseachan, b’ iad marsantaich Arabach a’ chiad fheadhainn a chuir air bhonn planntachasan is fìneadairean siùcair.
 
Mun àm seo san Roinn-Eòrpa, cha robh siùcar aithnichte don mhòr-shluagh, ged a bha iomradh ga thoirt air bho thaobh leigheas, ach chuir saighdearan Eòrpach a bha a’ sabaid san Ear Mheadhanach, eòlas air agus thugadhbheireadh dhachaigh leotha e an dèidh cogaidhean a’ chreideimh.
 
Mu thimcheall 1390, dh’inntrigeadh dòigh fàisgidh na b’ fheàrr a thug comas dhaibh dà uimhir a bharrachd de shùgh fhaighinn às a’ chuilc. Rè nan linntean a lean sin, stèidhicheadh planntachasan siùcair ann an àird a deas na h-Eòrpa, ann an [[Ameireaga a Deas]], anns an Roinn Charaibeach (Innseachan na h-Àird an Iar) agus iomadh àite eile. Mun 17mh linn, bha malairt an t-siùcair a’ sìor fhàs mòr, agus bhathar a’ cleachdadh innealan ùra airson a dhèanamh. B’ iad [[an Fhraing]] ri linn [[Napoleon]] agus [[a’ Ghearmailt]] gu sònraichte a thug leasachadh mòr air dèanamh agus giollachd an t-siùcair.