An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sruighlea"

Content deleted Content added
Loidhne 25:
== Balla a' Bhaile ==
 
'S e Balla Sruighlea am mùr- bhaile as fheàrr a tha a' mairsinn ann an Alba. Chaidh a thogail ann an 1547 mar dhìdean nuair a bha Rìgh Shasainn, Eanraig VIII, ag iarraidh pòsadh fhòirneadha sparradh eadar an leanaban Màiri, banrigh nan Albannach, agus Ìomhair, a mhac. Bha ionnsaighean daonnan gan toirt air Sruighlea, leis gum b' e àite-suidhe na Cùirte Rìoghail a bh' ann.
 
Tha slighe- choisich, air ruith a' bhalla, ainmichte mar an ceum- rathaid bailteil as fheàrr san Roinn- Eòrpa. Bha i air a dealbhadh timcheall air 1723 agus 1791, agus chithear seallaidhean ceutach bho air a fad agus bhon iomadh suidheachan a tha oirre. 'S i cuairt iomlan a th' anns an t-slighe a ghabhar ruigsinn aig mòran ionadan san t-Seann Bhaile, cho fada ri Guildhall, agus chan eil bacadh mu choinneimh chathraichean-cuibhle no charbadan- cloinne.
 
{{Template:Cathraichean na h-Alba}}