An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh na Mìle Làithean"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 41:
[[File:Wisconsin-treaty.png|thumb|100px|A’ cur ainm dhan Chòrdadh dhe Wisconsin, 1902]]
 
'''Cogadh na Mìle làithean''' ([[1899]] - [[1902]]): [[Cogadh sìobhalta]] ann an [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a thug fìor dhroch bhuaidh air an dùthaich aig toiseach an [[20mh linn]].<ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/revistas/credencial/enero2000/121reflexiones.htmht Leabharlann Luis Angel Arango]m</ref><ref>[http://www.laguia2000.com/colombia/la-guerra-de-los-mil-dias La Guía 2000]</ref>
 
'S e pàirt fa-leth cudromach dhan nobhail "[[Cien años de Soledad]] " (Ceud Bliadhna dhe Uaigneas) le [[Gabriel José García Márquez|Gabriel García Márquez]] a th' ann an Cogadh na Mìle làithean. Tha an Còrnailear Aureliano Buendía, prìomh charactar an leabhair, an sàs anns a' chogadh sin. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais ([[Spàinntis]]: Departamento del Istmo), ris an canar [[Panama]] an latha an-diugh, agus An Canal na luib.
Loidhne 51:
== Freumhan a’ Chogaidh ==
 
Nochd corra draghan eadar na Tòraidhean agus na Libearalaich ann an Coloimbia rè na [[19mh linn|19mh linne]]. Dh’adhbharaich na draghan sin cogaidhean air feadh na dùthcha, leis gu robh siostam nam pàrtaidh a’ fàs na bu treasa. Gheuraich am Bun-Reachd dhe Rionegro, ris na riaghaltasan feadarail a chruthaich e, eadar-dhealachaidhean seadh eadar an dà phàrtaidh, seadh eadar na roinnean. Mar eisimpleir: bha feachdan armachd na bu mhotha aig na stàitean na a bha aig Riaghaltas na dùthcha fhèin gu tric. Chaidh Bun-Reachd dhe [[1886]] a sgrìobhadh nuair a bha còmhstri sòisealta agus cogaidhean sìobhalta a’ sgiùrsadh na dùthcha airson stàit meadhanach làidir chruthachadh, gu math eadar-dhealaichte bhon a’ Bhun-reachd roimh làimhe. Chaidh am Bun-Reachd dhe [[1863]] a chur às anns a’ bhliadhna sin (a bha làn ana-cuimse an t-siostaim fheadarail rè amannan nan Raidigeach) is le sin nochd a’ chiad fhios gum biodh cogadh ann. A bharrachd air sin, chaill prìsean eadar-nàiseanta [[cofaidh|a' chofaidh]], air an robh eaconomaidh na dùthcha gu math crochte. Le sin, dh'fhàs suidheachadh na dùthcha na bu mhiosa agus chaill Coloimbia a cho-chuideam poiliteagach.<ref>[http://sabanet.unisabana.edu.co/comunicacion/nuestracarrera/downloads/2006-1/2006-1_sem2_historia-colombia_guerra1000dias.pdf Oilthigh Sabaneta]</ref>
 
== Blàran dhe Peralonso agus Palonegro ==
Loidhne 59:
Beag air bheag, dh’ fhàsadh an cogadh na bu smachdaile agus na bu buirb, leis na sìobhaltaich gan sgaradh eadar an dà bhuidheann ann an dòigh uabhasach eudmhorach, agus gach pàrtaidh a’ dèanamh a dhìcheall airson buaidhean fhaighinn, nach robh ach meallach. Gun teagamh, ‘s e na blàran aig Peralonso agus Palonegro ann an Santander a shealltainn dhan dùthaich an droch sgrios is milleadh a nì na cogaidhean. A’ chiad turas, fhuair na Libearalaich am buaidh mu dheireadh le [[Rafael Uribe Uribe]]. Chuir na Tòraidhean sguir air an cuid nàmhaidean aig Palonegro air an 25 latha dhen [[an Cèitean|Chèitean]] [[1900]] gan bleitheadh beag air bheag. An uair sin chuairtich iad Cúcuta.
 
An dèidh Palonegro, cha dh'fhaodadh do Arm nan Libearalach an gnothach a dheànamh an aghaidh na Tòraidhean. Le sin , nochd iomadh guerrillas air feadh na dùthcha. Dheànadh iad ionnsaighean gun chead bho ceannardan nam Pàrtaidh, is bha iad cho eudmhorach. Thachair an aon rud ann an Coloimbia anns an darna leth dhen [[20mh linn]].<ref>[http://co.kalipedia.com/historia-colombia/tema/siglo-xix-colombiano/guerra-guerrillas.html?x=20080801klphishco_12.Kes&ap=3 Kalipedia]</ref>
 
== Mu dheireadh thall ==