An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh na Mìle Làithean"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 45:
'S e pàirt fa-leth cudromach dhan nobhail "[[Cien años de Soledad]] " (Ceud Bliadhna dhe Uaigneas) le [[Gabriel José García Márquez|Gabriel García Márquez]] a th' ann an Cogadh na Mìle làithean. Tha an Còrnailear Aureliano Buendía, prìomh charactar an leabhair, an sàs anns a' chogadh sin. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais ([[Spàinntis]]: Departamento del Istmo), ris an canar [[Panama]] an latha an-diugh, agus An Canal na luib.
 
‘S e [[cogadh sìobhalta]] a rinn droch sgrios air [[Coloimbia]] agus [[Panama]] (roinn am broinn Choloimbia aig an àm), eadar [[1899]] agus [[1902]] a bh’ann Cogadh na Mìle Làithean. Mar thoradh a’ chogaidh sin, rinn an Riaghaltas Tòraidheach a’ chùis air a chuid nàmhaidean Libearalach ach chaill an dùthaich Panama ann an [[1903]]. Shabaid buill [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàirtidh Libearalach]] an aghaidh an Riaghaltais a bha fo bhuaidh buidheann [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàirtidh Thòraidh]] air an robh A’ Bhuidheann Nàiseanta, agus iad fo stiùireadh an ceann-suidhe [[Manuel Antonio Sanclemente]] fad ùine ghoirid. Dh’ èirich na Libearalaich an aghaidh atharrachaidhean làidir obann bhon [[Bun-Reachd]] dhe [[1863]] (a chaidh a sgrìobhadh ann an reachdas nuair a bha [[Rafael Núñez]] os cionn an Riaghaltais, is a chuir siostam feadarail air bhog), gu siostam meadhanach na àite ([[Bun-Reachd|Bhun-Reachd]] dhe [[1886]]). A bharrachd air sin, dh’ fhulang na Libearalaich ionnsaighean ainneartach bho na Tòraidhean, is le sin dh’fheuch iad ri smachd a chur air an Riaghaltas.
 
Thoisich an cogaidh an dèidh dhan cheann-suidhe Sanclemente an dreuchd a leigeil air adhbharan slàinte is fhuair an leas ceann-suidhe Marroquín an dreuchd na àite. Nuair a ghabh Marroquin, a bha na bu fhaisge air na Tòraidhean traidiseanta na a’ Bhuidheann Nàiseanta, an dreuchd os làimhe nochd còmhstri airson an cumhachd. Las sin teine a’ chogaidh nuair a rinn buidheann dhe Libearalaich, le droch eagrachadh, ionnsaigh air [[Bucaramanga]], rud a dh’ adhbharaich freagairt làidir bho Riaghaltas na dùthcha. Bha suidheachadh nan Tòraidh buileach na bu fheàrr na dha na Libearalaich, is b’ urrainn dhaibh structar na stàite, conaltraidhean ùra agus Arm proifeasanta le deagh eagrachaidh is tòrr airgid a chleachdadh gu math. Bha e glè dhoirbh dha na Libearalach feachdan proifeasanta a chuir air dòigh ach anns na roinnean dhe [[Santander (Roinn)|Santander]] agus [[Panama]], far am b’ urrainn dhaibh an iomairt aca a chumail a ‘ dol.