An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan José Nieto Gil"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 69:
 
Bha e an sàs ann an [[Cogadh nan Àrdanach]] ann an [[1840]], a' chiad cogadh a thachar ann an Coloimbia an dèidh a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Bha e ri taobh Carmona anns a' chogadh sin, Chaidh e a chur an grèim leis a chuid nàmhaidean ann am baile air an robh Tescua Dh' fhàg e Coloimbia agus chuir e seachadh còig bliadhna ann an [[Iaimeuca]].
 
Sgrìobh e dà nobhail nuair a bha e thall ann an Iaimeuca, air adhbharan poileataigeach: ''Rosina, Ingermina o la hija de Calamar'' ([[1844]]) agus ''Los Moriscos'' ([[1845]]).<ref>[http://www.barulegazette.com/bar%C3%BBle_gazette_-_personajes_afrocolombianos_-_nieto_gil,_juan_jose.htm Barule Gazette]</ref> A bharrachd air sin, sgrìobh e faclair marsanta Spàinntis - Beurla.
 
Thill e dhan dùthaich ann an [[1847]] agus steidhich e [[pàipear-naidheachd]] ann an Cartagena de Indias, air an robh ''La Democracia''. Fhuair e a dreuchd mar Riaghldair ann an Cartagena ann an [[1851]], is chuir e an t-[[easbaig]] Pedro Antonio Torres à san dùthaich. Air an 17mh [[an Giblean]] [[1854]] thug e taic dhan ar-a-mach a rinn [[José María Melo]]. Mar Riaghladair ghabh e ris an darna [[Bun-Reachd]] poiliteagach a fhuair an stàit Bolívar.
 
Ghairm e neo-eisimeileachd na stàite Bolívar bhon [[Co-Chaidreachas Ghranada|a’ Cho-chaidreachais Ghranada]] air an 3mh [[an t-Iuchar]] [[1860]] ann an caidreabhas leis an t-Seanalair [[Tomás Cipriano de Mosquera]], leis gu robh an dùthaich airson meadhanachadh fon cheann-suidhe [[Mariano Ospina Rodríguez]]. An dèidh ceannas na dùthcha a ghabhail os làimhe fhad’s a bha an Seanalair Mosquera às an làthair, ghabh e sealbh air Riaghaltas na Stàite Bolívar iomadh turas gus an do chuir na feachdan reubaltaich le [[Antonio González Carazo]] os an cionn às an dreuchd e.
 
Sgrìobh e dà nobhail nuair a bha e thall ann an Iaimeuca, air adhbharan poileataigeach: ''Rosina, Ingermina o la hija de Calamar'' ([[1844]]) agus ''Los Moriscos'' ([[1845]]).<ref>[http://www.barulegazette.com/bar%C3%BBle_gazette_-_personajes_afrocolombianos_-_nieto_gil,_juan_jose.htm Barule Gazette]</ref> A bharrachd air sin, sgrìobh e faclair marsanta Spàinntis - Beurla.
 
Bha an seannachaidh Orlando Fals Borda dhen bheachd gun do deach e fhàgail a-mach eachdraidh oifigeil na dùthcha e o chionns gur e [[mulato]] a bh’ann, is fiù’s gun robh na dealbhan dhàsan ''gealaichte'' gus na freumhan aige fhalach.<ref>[http://www.elnuevoherald.com/2008/11/11/v-print/320278/colombia-borro-de-la-historia.html Nuevo Heraldo]</ref> Thuirt an seannachaidh sin gur e "gnothach na b'ionadaile na nàiseanta (taobh na h-uachdarain ann an Cartagena)" a bh'ann am pròiseas anns an do dhìochuimhnich sam fear a bha an aon ceann-suidhe dubh neo mulato a fhuair Coloimbia a-riamh.