An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Boyacá"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 5:
Chuir am "Blàr Boyacá" crìoch air iomairt dhe 77 a rinn [[Simón Bolívar]] airson [[Leas-Rìoghachd Ghranada Ùr]] a shaorachadh. Chuir ràith an uisge trom tropaigeach bacadh air a’ chogadh anns [[A' Bheiniseala]] is le sin dh’fhàg Bolívar [[Ciudad Bolívar|Angostura]], prìomh-bhaile na dùthcha sin aig an àm, is rinn e air na faichean mòra dhe Apure agus an uair sin chaidh e dha na faichean mòra ann an [[Casanare (Roinn)|Casanare]], far an do chuir e fòirne an t-Seanalair Santander ri chèile leis a chuid shaighdearan. An uair sin thug e ionnsaigh air seann thìrean na roinne [[Tunja]]. Bha Barreiro a’ feuchainn ri [[Bogotá]] a ruigsinn is feachdan an Leas-Rìgh [[Juan de Sámano]] a lorg air an rathad gu [[Boyacá (Roinn)|Boyacà]], an dèidh [[Blàr Pantano de Vargas]] a chall.
 
Thachair am blàr Disathairne 7 [[an Lùnasdal]] [[1819]]. Aig deich uairean sa mhadainn dh’òrdaich Bolívar nach leigeadh na feachdan aige dha na Rìoghairean a dhol thar na drochaide air an abhainn Teatinos, far am biodh na Rìoghairean a’ coinneachadh le Samacá. ‘S e rathad mòr rìoghail a bh’ann (Spàinntis: camino real). Chaidh na Poblachdaich, leis a’ chaiptean [[Diego Ibarra]] os an cionn, sìos aig dà uair feasgar agus chuir iad iongnadh air na Rìoghairean. Aig an aon àm bha an Seanalair Santander is a chuid shaighdearan a’ sabaid an aghaidh a’ chùl-choimhead rìoghail. Anns a’ bhad dh’ aontaich a’ mhòr-chuid dhe na Feachdan rìoghail aig Barreiro airson a shabaid an aghaidh cùl-choimhead an t-Seanalair [[José Antonio Anzoátegui]].
 
Bha an còmhstri eadar an dà airm anns an àirde mu thrì uairean feasgar, ach bha na Rìoghairean fo anacothrom air sàilleabh gu robh iad a’ sabaid ann an dà àite. Rinn an còrnaileir [[Juan José Rondón]] ionnsaigh làidir leis a chuid eachdraidh às na faichean is chuir iad ruaig air na Rìoghairean. Aig an aon àm, b’ urrainn dha na saighdearan à Casanare aig José María Ruiz gan chur ri chùlaibh a’ thùis-feadhna Rìoghail. Dh’ òrdaich Santander na buidhnean ''Cazadores'' agus ''Primeros de Línea'' leis na còrnaileirean [[Joaquín París Ricaurte]] agus Antonio Obando os an cionn, thar na drochaide. Bha làmh an uachdair a-nis aig na Reubaltaich. Ged a dh’fheuch Barreiro ri dhol am feabhas, b’ fheudar dhàsan a thoirt thairis, agus mar sin thàinig an latha eachdraidheil gu ceann aig ceithir uairean feasgar.
 
B’ urrainn dhan Leas-Rìgh [[Juan de Sámano]] a theiche, oir dh’innis teachdaire dìomhair dhàsan gun do chaill na Rìoghairean am blàr.