An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "José Eusebio Otálora"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 6:
 
Bha e na bhall Còmhdhail na Roinne Boyacá bho [[1855]], bliadhna na bainnse aige, is e na tàmh ann an Guateque. Bha e na riochdaire na Stàit aige aig a’ Cho-Chruinneachadh dhe [[Rionegro]] ann an [[1863]] agus leigeadh e seasamh air co-chothrom agus còrdachadh eadar buidhnean raidgeach agus meadhanach a’ phàrtiagh. Chaidh e dhan Sheòmar nan Riochdairean an ath-bhliadhna, far an robh e gu ruige [[1868]]. Chaidh e a dh’ainmeachadh consal gus an [[Eadailt]] ann an [[1870]] is an uair sinn ann am [[Breatainn]] gus a thill dhan dhùthaich ann an [[1875]] far an do shabaid e anns [[Cogadh sìobhalta|a’chogadh sìobhlata]] ri taobh nan Libearalach. B’ urrainn dhàsan àrdachaidhean armachd fhaighinn, leis gu robh e an sàs anns na cogaidhean sìobhlata, a thoisich ann an [[1854]], gu ruige a bhith na Sheanailear ann an [[1877]]. Chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe Stàit na Boyacá an aon bhliadhna, is le sin dh’fhàs e ainmeil aig ìre nàiseanta is e ga thaghadh a-rithist gu ruige 1882, nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe [[Rafael Núñez]] Rùnaire an Ionmhais e.
 
Chaidh Nuñez (a bha a’ leigeil a’ chinneas) agus Otálora (a bha na mhinistear) a thaghadh mar a’ chiad agus an dàrna [[Neach-ainmichte (Coloimbia)|neach-ainmichte]] aig taghaidhean a’ chinneas anns [[an Dùbhlachd]] [[1882]], a bhuannaich [[Francisco Javier Zaldúa]]. Nuair a dhiùlt Núñez an dreuchd, thug José Eusebio Otálora ceannas na dùthcha os làimhe. ‘S e Riaghaltas adhartach libearalach a bh’aige, a chrìochnaich air 1 [[an Giblean]] [[1884]]. Chaidh brosnachach a thoirt dhan a’ chòmhdhail fad’s a bha e anns an dreuchd, leis gun do deach mòran lìonra rèile aig ìre nàiseanta a choileanadh.
 
== Iomraidhean==