An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "José Eusebio Otálora"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 4:
 
‘S e mac tuathanach is fear malairt [[Basgach]] agus a bhean à [[Boyacá (Roinn)|Boyacá]]. Chaill an teaghlach an oighreachd ann am [[Miraflores]] (Boyacá) leis gur e Rìoghailtear a bh’ann athair agus le sin b’ fheudar dhuibh a dhol gu Fómeque. Fhuair e a chuid fhoghlam aig an sgoil agus aig an oilthigh ann am [[Bogotá]], agus thug e ceum ann an [[lagh]] bho [[Oilthigh an Rosario]] ann an [[1852]]. An uair sin thoisich e an sàs anns a’ phoileataigs mar bhall pàrlamaid na Roinne Bogotá, ach leig esan an dreuchd sin an ceann corra mhìos, nuair a chaidh e gu [[Guateque]] an ath-bhliadhna.
 
Bha e na bhall Còmhdhail na Roinne Boyacá bho [[1855]], bliadhna na bainnse aige, is e na tàmh ann an Guateque. Bha e na riochdaire na Stàit aige aig a’ Cho-Chruinneachadh dhe [[Rionegro]] ann an [[1863]] agus leigeadh e seasamh air co-chothrom agus còrdachadh eadar buidhnean raidgeach agus meadhanach a’ phàrtiagh. Chaidh e dhan Sheòmar nan Riochdairean an ath-bhliadhna, far an robh e gu ruige [[1868]]. Chaidh e a dh’ainmeachadh consal gus an [[Eadailt]] ann an [[1870]] is an uair sinn ann am [[Breatainn]] gus a thill dhan dhùthaich ann an [[1875]] far an do shabaid e anns [[Cogadh sìobhalta|a’chogadh sìobhlata]] ri taobh nan Libearalach. B’ urrainn dhàsan àrdachaidhean armachd fhaighinn, leis gu robh e an sàs anns na cogaidhean sìobhlata, a thoisich ann an [[1854]], gu ruige a bhith na Sheanailear ann an [[1877]]. Chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe Stàit na Boyacá an aon bhliadhna, is le sin dh’fhàs e ainmeil aig ìre nàiseanta is e ga thaghadh a-rithist gu ruige 1882, nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe [[Rafael Núñez]] Rùnaire an Ionmhais e.
 
== Iomraidhean==