An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mariano Ospina Pérez"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 8:
 
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an Sgoil San Ignacio de Loyola ann am Medellín, is an uair sin aig Colaiste na Mèinnean dhe Antioquia, far an tug e ceum mar innleadair na mèinnean ann an [[1914]]; rinn e turas fad dà bhliadhna agus fhuair e oideachas a bharrachd thall thairis anns an [[Louisiana]], [[Lunnainn]] agus [[Paris]], far an do rinn e cùrsa neo dhà mu dheidhinn gnothaichean an [[siùcar|siùcair]], [[Eaconomachd]], an caidreamh tionnsgalach, siostaman co-oibreachaidh, gnothaichean na mèinnean agus na rèilichean.
 
== Beatha anns a’ Phoileataigs ==
An dèidh a thill e dhan dùthaich ann an [[1914]] thoisich e conaltraidhean a dh’ fighe le ceannardan [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàrtaidh Tòraidh]] agus sheas e aig an taghadh gu Comhairle Mhedellín, far an robh e mar bhall eadar 1915 agus 1917. Chaidh e a thaghadh na bhall pàrlamaid airson Antioquia sa bhliadhna sin, agus an ceann dà bhliadhna chaidh e ainmeachadh mar Àrd-Riaghladair Rèile na h-Antioquia, is b’ urrainn dhàsan na sgilean riaghlach aige a dh’ fhoillseachadh leis an dreuchd sin. Thill e gu Còmhdhail na h-Antioquia ann an [[1921]], agus nuair a chaochail athair sa bhliadhna sin fhèin, lean e mar Reachdadair Colaiste na Mèinnean.
 
===Caibineit===