An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Froilán Largacha"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 14:
 
Chaidh an Lagh dhe 9mh [[an Gearran]] [[1863]] a chruthachadh leis a’ Cho-chruinneachadh Bun-Reachail dhe Rionegro a steidhich Comataidh Riaghalaidh airson an dùthaich a stiùireadh. Bha còignear Rùnairean aige, is Largacha nam measg, is e os cionn an Ionmhais agus a’ bhanca Crédito Nacional.
 
== Mu dheireadh a’ bheatha ==
 
Bha e na Rùnaire an Ionmhais a-rithist rè an teirm mu dheireadh aig an t-Seanailear ([[1866]]). ‘S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh a bh’ann fon Sheanailear Rudesindo López Delgadillo, Riaghladair a’ Chundinamarca, ann an [[1868]]. Bha e anns an diùraidh a thaghaich am moladh na bu fheàrr airson bun fhoghlam a chur air dòigh air feadh na dùthcha ann an [[1872]]. Fhuair e faothachadh bho Nicolás Pinzón Warlosten a bhith na bhall a’ chiad bhuidheann dhe tìdsearan aig an Oilthigh air Astar (Universidad Externado de Colombia). Bha e na Breitheamh suplente a’ chiad Àrd-Cùirt a’ Cheartais anns an dùthaich, a chaidh a chruthachadh leis a’ Bhun-Reachd dhe [[1886]].
 
== Iomraidhean ==