An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Diego Lemos"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 6:
 
‘S e an treas dhe dusan chloinne a fhuair Miguel Wenceslao de Angulo Díaz del Castillo agus Antonia Lemos Largacha a bh’ann. Phòs e an baintighearna Adelaida Buchelli Valencia, nighean Serafín Buchelli Villota agus Dominga Valencia Quijano, à [[Pasto]].
 
== Na Shaighdear ==
 
Thoisich e mar shaighdear ann an [[1860]], airson an Riaghaltas laghail a dhìon ann an cogadh sìobhalta ga thòiseachadh leis an t-Seanailear Mosquera a bha airson an Riaghaltas fhaighinn tro ainneart. Dh’fhàilnich iad ach fhuair esan fhèin mathanas-coitcheann agus lean e ann an airm na Stàitean Aonaichte Choloimbia. Bha e an sàs ann an ruaig armachd ùr ann an [[1876]] agus b’ fheudar dhàsan a theiche gu [[Eacuador]]. An ath bhliadhna ann an Túquerres, thug e taic dhan ar-a-mach gun do chuir Antonio Borrero, an t-seann cheann-suidhe na h-Eacuador, air dòigh an aghaidh Riaghaltas na dùthcha airson a thilleadh dhan dhùthaich gus an cumhachd fhaighinn. Rinn e caismeachd tro Chumbal gu ruige Ibarra ach nuair a ràinig e agus na feachdan aige an t-àite ris an canar Quebrada Oscura, thug na feachdan aig a’ Chòrnaileir Rafael Arellano Del Hierro, Ceannard Roinnean an Tuatha, ionnsaigh orra agus chuir iad teicheadh orra gu ruige Panán far an do chuir e ruaig air. An dèidh sin, dhìon e an riaghaltas aig José María Plácido ([[1883]] - [[1888]]) ann an Eacuador.
 
== Ceann-suidhe Choloimbia ==