An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Cuiltheann"

Content deleted Content added
→‎Sgùrr MhicCoinnich: Splitting article, chaidh am pàirt seo a ghuasad gu Sgùrr MhicCoinnich
sgiobl.
Loidhne 14:
 
===Sgùrr Thearlaich===
<!--Don’t copy any sections out of this article without copying thè versions history!-->
 
Chaidh Sgùrr Thearlaich ainmeachadh às dèidh an t-sreapadair ainmeil Charles Pilkington. ’S e ball dhen ''Scottish Mountaineering Club'' a bh’ ann agus stiùirich esan, ann an [[1887]], a’ chiad dìreadh dhen a’ bheinn air an robh ''North-East Peak'' <ref name=" Forbes"/>
Line 26 ⟶ 27:
Tha Forbes <ref name=" Forbes"/>
a’ smaoineachadh gur e an Sgùrr aig Tulm a th’ ann an Sgùrr Thuilm agus gur e an aon duine a th’ ann leis an robh Caisteal Dùn Tuilm ann an Tròndairnis. Tha e a’ mìneachadh nach eil an t-ainm a’ tighinn bhon fhacal tolm a tha a’ ciallachadh cnoc.
 
===Sgùrr MhicCoinnich===
 
===Garsbheinn & Blàbheinn===
[[Image:Blà-bheinn & gealach.jpg|right|250px|thumb|Blàbheinn (làimh cheàrr), a' Chlach Ghlas & Garbheinn air am faicinn bho Chille Bhrìghde]]
 
<!--Don’t copy any sections out of this article without copying thè versions history!-->
Chan eil Forbes <ref name=" Forbes"/>
cinnteach cò às a tha a’ chiad eileamaid aig Garsbheinn a’ tighinn ach tha e a’ cur an aire gu bheil e a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig gàirsinn. Tha mi fhìn dhen bheachd ge-tà gur coltach gur e ainm Lochlannach a th’ ann. Thuirt Richard Cox ann an òraid aig Rannsachadh na Gàidhlig 2006 gu bheil beachd sònraichte aige mu dheidhinn bheann aig a bheil -bheinn mar dàrna eileamaid dhen ainm. Tha e a’ smaoineachadh gur e ainmean Lochlannach a th’ annta a b’ àbhaist a bhith nam Bla Fjall agus mar sin air adhart agus gun do dh’atharraich an dàrna h-eileamaid Lochlannach gu eileamaid Gàidhlig agus gun do chum na Gàidheil a’ chiad eileamaid. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin coltach a chionn ’s gu bheil structar Lochlannach a th’ aig na h-ainmean sin. Ann an ainmean Lochlannach thig am buadhair ron ainmear, ach anns a’ Ghàidhlig thig am buadhair às a dhèidh. Gu tric tha ainmean Lochlannach aig na beanntan a chìthear bhon mhuir, agus ’s i a’ bheinn aig ceann deas a’ Chuiltheinn a th’ ann an Garsbheinn agus chìthear bhon mhuir i gun teagamh.
 
===Sgùrr a' Ghreadaidh===
 
===Sgùrr a’ Mhadaidh, Sgùrr an Gobha, Bruach na Frìthe, Sgùrr na Banachdaich===
 
<!--Don’t copy any sections out of this article without copying thè versions history!-->
’S e seann ainmean a th’ ann an ainmean le [[beathach|beathaichean]] is dathan. Gu tric tha ainmean bheathaichean air beanntan anns air feadh an t-[[an Saoghal|saoghail]]. Tha ainmean bheathaichean air cuid de na h-àiteachan anns a’ Chuiltheann. Mar eisimpleir Sgùrr a’ Mhadaidh, Sgùrr an Gobha. Tha Bruach na Frìthe ceangailte ri beathaichean cuideachd, oir ’s e coille fèidh a th’ ann am frìth.
Chan eil a’ chùis seo soilleir le Sgùrr na Banachdaich. Tha Mac an Tàilleir <ref name="Mac an Tàilleir"/>
Loidhne 57:
===Sgùrr Sgumain===
[[Image:Sgurr Dubh an Dà Bheinn.jpg|right|250px|thumb|Sgurr Mhic Choinnich (làimh cheàrr), Sgurr Sgumain is Sgurr Dubh an Dà Bheinn air am faicinn bho [[Rubha an Dùnain]]]]
 
<!--Don’t copy any sections out of this article without copying thè versions history!-->
Tha an t-ainm Sgùrr Sgumain a’ tighinn bho “Sguman”. ’S e facal Gàidhlig a th’ ann airson beinne le cruth staic. Chleachdar am facal cuideachd airson soitheach a chleachdar gus uisge a chur a-mach à bàta <ref name=" Forbes"/> . Tha An Sguman cuideachd faisg air a’ Chuiltheann eadar na beanntan agus a’ mhuir. Tha pàirt air Sgùrr Sgumain leis an ainm An Cìoch, ’s e creag mhòr a th’ ann a tha a’ tighinn a-mach à taobh Sgùrr Sgumain coltach ri cìoch. Canar ris Cìoch An Sgumain cuideachd (no Cioch a Sgumain ann an Forbes <ref name=" Forbes"/> )
 
Line 64 ⟶ 66:
* [[Am Baisteir]]
* [[Sgùrr Alasdair]]
===* [[Sgùrr MhicCoinnich===]]
===* [[Sgùrr a' Ghreadaidh===]]
 
==Iomraidhean==