An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coimisean Napier"

Content deleted Content added
An Coimisean Napier --> Coimisean Napier... cha bu chòir alt a bhith ann idir, oir tha ainm aig an deireadh.
→‎Upraid nan Croitearan: Blàr a' Chumhaing. An dèan cuideigin cinnteach gu bheil seo ceart?
Loidhne 5:
 
==Upraid nan Croitearan==
Thachair an upraid as ainmeile, Blàr a' Chumhaing, anns a’ Bhràighe ann an 1882. Bha croitearan anns a’ Bhràighe air eisimpleir Cille Mhoire, anns an Eilean Sgitheanach, a leantainn agus dhiùlt iad màl a phàigheadh. Ann an 1883 chaite na b’ fhaide agus dh’iarr croitearan [[Gleann Dàil]] an talamh air ais a chaidh a thoirt air falbh bhuapa anns na bliadhnaichean ron sin. Ged a chaidh cuid dhaoine dhan phrìosan, cha robh neart gu leòr aig a’ phoileas fìor stad a chur air Upraid nan Croitearan. Cha b’ e an fheadhainn seo a-mhàin a thòisich strì air a’ Ghàidhealtachd gus an còirichean a bhuannachadh, agus leis an aimhreit a’ fàs, bha èiginn air an riaghaltas rannsachadh air na trioblaidean, cuideachd air sgàth ùidh phoblach anns na tachartasan agus air sgàth na thachair ann an Èirinn. <ref>Hunter, James 1976. ''The Making of the Crofting Community''. Dùn Èideann, John MacDonald. Duilleag 143
</ref>