An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coimisean Napier"

Content deleted Content added
Created page with 'An Coimisean Napier 'S e coimisean den riaghaltas a bh' anns a' Choimisean Napier ann an 1883. Chaidh a chruthachadh fo stiûireadh an Uasail Napier gus sgrùdadh air suidheacha…'
 
+ <ref>
Loidhne 4:
 
==Fo-eachdraidh==
Bha suidheachadh na Gàidhealtachd aig deireadh an 19mh linn glè dhuilich. Bha mòran de chroitearan ann am bochdainn, bha na mìltean air fàgal thairis air a’ chuan agus bha daoine fhathast air am fuadachadh a-mach às na bailtean aca gus tuathanasan chaorach a chruthachadh nan àite agus a chur air croitearan a dhol a dh’iasgachd. Bha màl a’ dìreadh fhad ’s a bha meudachd an fhearainn a’ cromadh. Bha na daoine gu tùr eisimealach air na h-uachdarain agus cha robh cothrom aca am beatha fhèin a stiùireadh. Cha robh tèarainteachd sam bith aca air an fhearann. Aig an aon àm ann an Èirinn thòisich croitearan air a bhith soirbheachail an aghaidh uachdaran le sgur màl a phàigheadh. Leis a’ bheachd Èirinneach chuir croitearan ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach romhpa sgur am màl a phàigheadh agus mu dheireadh thall, às dèidh strì mh fhuair iad màl 25% na b’ ìsle ann an 1881 (<ref>Hunter 1976: 133</ref>).
 
==Upraid nan Croitearan==
Thachair an upraid as ainmeile anns a’ Bhràighe ann an 1882. Bha croitearan anns a’ Bhràighe air eisimpleir Cille Mhoire, anns an Eilean Sgitheanach, a leantainn agus dhiùlt iad màl a phàigheadh. Ann an 1883 chaite na b’ fhaide agus dh’iarr croitearan Gleann Dàil an talamh air ais a chaidh a thoirt air falbh bhuapa anns na bliadhnaichean ron sin. Ged a chaidh cuid dhaoine dhan phrìosan, cha robh neart gu leòr aig a’ phoileas fìor stad a chur air Upraid nan Croitearan. Cha b’ e an fheadhainn seo a-mhàin a thòisich strì air a’ Ghàidhealtachd gus an còirichean a bhuannachadh, agus leis an aimhreit a’ fàs, bha èiginn air an riaghaltas rannsachadh air na trioblaidean, cuideachd air sgàth ùidh phoblach anns na tachartasan agus air sgàth na thachair ann an Èirinn (<ref>Hunter 1976: 143</ref>).
 
==An Coimisean==
Le sin chaidh coimisean a chur an cèill leis an riaghaltas gus sgrùdadh air suidheachadh eacanomaigeach agus sòisealta nan croitearan agus coitearan air a’ Ghàidhealtachd aig deireadh na 19mh linn. ’S e An t-Uasal Napier ceann a’ choimisean agus Calum MacNèill an Rùnaire. Chaidh iad timcheall air a’ Ghàidhealtachd bhon Chèitean 1883 agus dh’èist iad ri 775 duine (a’ mhòr-chuid anns a’ Ghàidhlig) ann an 61 àite. Chaidh a h-uile rud a sgrìobhadh sìos gu mionaideach agus eadar-theangachadh. Chaidh fhoillseachadh ann an 1884 anns a’ Bheurla (<ref name="Cameron"> Cameron, A.D. 1986. ''Go Listen to the Crofters'': xThe Napier Commission and Crofting a Century ago. Steòrnabhagh, Acair. Duilleag 123, 125</ref>).
’S e obair fîor chudromach a rinn Coimisean Napier airson na Gàidhealtachd. B’ e sin a’ chiad turas a bha ùidh phoblach anns a’ Ghàidhealtachd agus ann an suidheachadh nan daoine, agus a’ chiad turas a chaidh oidhirp a dhèanamh faighinn a-mach mu dheidhinn seo. ’S e fianais cudromach a th’ anns na h-agallamhan, chan ann dìreach air sgàth ’s gun deach an dèanamh le mòran daoine air feadh na Gàidhealtachd ach gu h-àraidh air sgàth ’s gu bheil iad cho mionaideach agus air an innse leis na croitearan fhèin. Bha an coimisean ag iarraidh gum faigh gach duine ann an Alba cothrom an aithisg a leughadh agus gum biodh leth-bhreac de na leabhraichean anns gach leabharlann. (<ref name="Cameron"/> 1986: 123).
 
==Toraidhean==
Às dèidh an sgrùdaidh rinneadh planaichean leasachaidh gus beatha nan croitearan a dhèanamh nas fheàrrChuir iad cuideam àraid air ceist an fhearainn. An toiseach, ann an 1885 fhuair croitearan cead pàrt a ghabhail ann an taghadh poiliteagach. Mar sin dh’fhàs ùidh phoiliteagach aig na Gàidheil agus neart cùisean atharrachadh anns an sgìre. Chaidh '''Achd nan Croitearan''' a dhèanamh ann an 1886 agus airson a’ chiad turas fhuair croitearan còirean air an talamh. Mu dheireadh thall, fhuair iad teàrainteachd air an fhearann air an robh iad a’ fuireach agus an còir ga chur air adhart gu ball an teaghlaich. Fhuair iad dìoladh airson leasachaidhean a rinn iad air a’ chroit nuair a dh’fhàgadh iad. Thòisich '''Coimisean nan Croitearan,''' cuairt an fhearainn, gus màl a chumail reusanta. (<ref name="Cameron 1986: 125)."/>
 
==Tùsan:==
<references/>
Her Majesty’s Commissioners of Inquiry 1884. Evidence taken by Her Majesty’s Commissioners of Inquiry into the Condition of Crofters and Cottars in the Highlands and Islands of Scotland. 1884. Edinburgh: Nèill & Company
Cameron, A.D. 1986. Go Listen to the Crofters: The Napier Commission and Crofting a Century ago. Steòrnabhagh, Acair.