An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "C.B. Dùn Dèagh Aonaichte"

Content deleted Content added
b syn
Loidhne 29:
|}
 
== Dùn Dèagh Aonaichte ==
 
`S e club [[ball-coise]] proifeiseanta [[Albannach]] a th` ann an '''Club Ball-coise Dùn Dèagh Aonaichte'''. Bhathas a` toirt am [[far-ainm]] '''The Terrors''' air a` chlub bho shean agus [[Na h-Arabaich]] air an luchd-leantainn, ach san latha a tha ann, bidh [[na meadhanan]] uaireannan a` ceangal am briathar mu dheireadh sin ris a` chlub cuideachd. `S e '''The Tangerines''' briathar eile a chanas gu tric ris a` chlub.
Loidhne 43:
Tha e na annas do mheud na cathrach, [[Dùn Dèagh]], gu bheil e a` giùlan dà àrd-sgioba ball-coise proifeiseanta, [[CB Dùn Dèagh]] agus '''Dùn Dèagh Aonaichte'''. Tha an dà sgioba nan còmhstritheach làidir ris a chèile agus tha na lannan-cluiche aca mar uidhe corra cheud slat eadar a chèile.
 
=='''EACHDRAIDH'''==
 
==='''Hibernian Dhùn Dèagh'''===
 
'''1909-1923'''
Loidhne 75:
An dèidh an [[ràith ball-coise]] 1922/23, ghabh co-bhanntachd fir-gnothaich ionadail stiùir a` chlub agus air dhaibh iomairt a dhèanamh, chaidh a ath-thaghadh gu [[Roinn a Dhà]] aig [[Coinneamh Bhliadhnail]] an Lìog anns a` Chèitean 1923.
 
==='''Dùn Dèagh Aonaichte'''===
 
Chuir an club rompa cuideachd ann an 1923 an t-ainm aca atharrachadh. Leig iad às “Hibernian” agus thog iad ainm ùr, '''Dùn Dèagh Aonaichte'''. Chaidh an t-ainm ùr a ghabhail ri cumhachdan an Lìog air 26mh Dàmhair, 1923.
Loidhne 91:
Thàinig grunn mhath de chluicheadairean à [[Lochlann]] dhan chlub anns na 60an: [[Orjan Persson]], [[Finn Seemann]], [[Lennart Wing]], [[Finn Dossing]] agus [[Mogens Berg]]. Bha iadsan an sàs gu mòr anns a` chiad iomairt [[Eòrpach]] aig a` chlub nuair a rinn iad a` ghnothach air treun-sgioba Bharcelona. Bha [[Barcelona]] air [[an Cupa Fairs]] a ghlèidheadh a` bhliadhna roimhe. Chaidh a chur a-mach san ath-chuairt le [[Juventus]] ach b`e cuimhne euchd mòr a dh`fhàg iad a dh`aindeoin sin.
 
=='''Jim MacGilleEathain'''==
 
Ghabh [[Jim MacGilleEathain]] thairis gnothaichean an sgioba anns an Dùbhlachd, 1971 agus thòisich an linn a b` shoirbheachaile ann an eachdraidh a` chlub.
Loidhne 111:
Cha do dh`èirich cùisean cho math dhan chlub anns na beagan bliadhnaichean an dèidh [[Cupa na h-Alba]] a bhuannachadh ge-tà. Dh`fhairtlich air Golac seasmhachd àite Aonaichte a chumail anns [[Prìomh Roinn Lìog Ball-coise na h-Alba|a' Phrìomh Roinn]], seach mar a b’ àbhaist do Jim MacGilleEathain a bhith a' dèanamh. Ged a ghlèidh e Cupa na h-Alba anns a chiad ràith aig stiùir a' chlub, chrìochnaich Aonaichte ann an 6mh àite sa Phrìomh Roinn ann an 1993-1994; an t-àite a b’ ìsle aig an robh iad bho chionn 19 bliadhna.
 
=='''Crìonadh agus ùrachadh'''==
 
Bha '''Dùn Dèagh Aonaichte''' aig bonn an roinn anns an ath-ràith agus ceithir bàire air fhàgail ri chluich. Dh`fhàg Ivan Golac [[Tanachais]], `s iad ann an cruaidh-chàs, agus chaidh [[Billy Kirkwood]] a chur na àite. A dh`aindeoin sin, chaidh Aonaichte sìos gu Roinn a h-Aon ann an 1994/95 airson a` chiad uair riamh nan eachdraidh, `s mar sin dheth b`e prìomh dhleastanas am [[manaidsear]] ùr an club a thoirt air ais gu [[Prìomh Roinn na h-Alba]] air a` chiad fheuchainn. Fhuair an sgioba às gu math caol, nuair a ghabh Dùn Dèagh Aonaichte a` bhuaidh air [[Partaig Thistle]] thairis air dà gheama [[play-off]] ann an 1995/96.
Loidhne 118:
 
 
=== Soraidh slàn do Jim MacGilleEathain ===
 
 
Loidhne 129:
Leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd mar chathraiche a’ chlub ann an 2000 an dèidh dha purradh a thoirt do neach-aithisg, a bha a` cur ceistean sgrùdach air, nach bu mhath leis.
 
=='''Linn ùr'''==
 
Ghabh [[Eddie MacThòmais]], fear-gnothaich agus neach-leantainn mòr a’ chlub bho chionn iomadh bliadhna, thairis air mar chathraiche agus sealbhadair ann an 2000. Bhon latha sin, tha Alex Mac a’ Ghobhainn, Paul Hegarty, Ian MacColla, Gordon Siosalach, Billy Dodds agus Craig Brewster uile air an cur às an dreuchd, `s e a' feuchainn ri soirbheas a thoirt air ais a [[Pàirc Thanachais|Thanachais]] a-rithist.
Loidhne 136:
 
 
=== Tribhia ===
 
Tha Dùn Dèagh Aonaichte air 4 bhàir fharpaiseach a chluich ri [[Barcelona]] gu ruige seo. Rinn iad an gnothach orra gach turas; ann an 1966-67 ann an [[Cupa Fairs]], agus ann an 1986-87 ann an Cupa UEFA. Chluich iad riutha cuideachd ann am bàir chàirdeil aig [[Pàirc Thanachais]] ro thoiseach ràith 2007-2008, ach an turas seo, b'e Barcelona a thug a-mach a' bhuaidh 1-0 le tadhal às breab pheanais bho [[Thierry Henry]].
 
=== An sguad làithreach (2007/2008) ===
{| width="400"
|- bgcolor="#DDDDDD"
Loidhne 212:
|}
 
=='''Geàrr-chùnntas''' Eachdraidh==
 
'''Duaisean'''