Ruaraidh Iain MacLeòid (Am Morair Minginis)

Tha Ruaraidh Iain MacLeòid (1952-) (Beurla: Roddy John MacLeod) ʼna Chathraiche air Cùirt an Fhearainn agus ʼna chathraiche air aʼ Bhòrd-stiùiridh aig Sabhal Mòr Ostaig.

Ruaraidh Iain MacLeòid (Am Morair Minginis)
Beatha
Breith Port nan Long, 7 dhen Dùbhlachd 1952
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Àrd-sgoil Phort Rìgh
(1965 - 1971)
Oilthigh Dhùn Èideann
(1971 - 1975) Baidealair ann an Lagh
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd siorram agus neach-lagha
Fastaichean BBC Scotland  (1977 -  1978)
Ballrachd Tribiunal an Fhearainn airson Alba

Rugadh is thogadh Ruairidh Iain ann am Port nan Long ann an sgìre Mhinginis dhen Eilean Sgitheanach. B’ ann às na Hearadh a bha a phàrantan bho thùs, ach ghluais iad chun an Eilein Sgitheanaich anns na ficheadan mar phàirt de Sgeama Rèiteachaidh an Fhearainn a bha a’ gabhail àite aig an àm.

An déidh dha an sgoil fhàgail, thug Ruairidh Iain ceum a-mach ann an lagh aig Oilthigh Dhùn Éideann. Às déidh obair ann an lagh agus dà bhliadhna ann an craoladh na Gàidhlig aig aʼ BBC, chaidh a stéidheachadh ann an 2000 mar Shiorram, agus thug e air an dreuchd mar Iar-Chathraiche air Cùirt an Fhearainn ann an 2006. Air 17mh an Dàmhair 2014, chaidh a stéidheachadh mar Chathraiche ùr Chùirt an Fhearainn leis an tiotal ùr, Morair Minginis. Ged a dhʼfheumas a réir lagh neach-labhairt na Gàidhlig a bhith aig aʼ Chùirt, ʼs e Ruaraidh Iain a’ chiad Chathraiche le Gàidhlig bhon thòisich aʼ Chùirt ann an 1912.

A bharrachd air a bhith an sàs anns an lagh, tha Ruaraidh Iain air a bhith an sàs gu mòr ann an Sabhal Mòr Ostaig. Ann an 2006 gabh e àite air Bòrd an t-Sabhail agus bliadhna as déidh sin ghabh e thairis bhon Ollamh Fearchar Mac an Tòisich mar Chathraiche a’ Bhùird.

Ceanglaichean a-mach

deasaich