Rona Lightfoot
'S e seinneadair, neach-ciùil is pìobaire à Uibhist a Deas a tha ann an Rona Lightfoot.
Rona Lightfoot | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Uibhist a Deas, 17 dhen Ghiblean 1936 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-ciùil |
Inneal-ciùil | a' phìob-mhòr |
Rugadh i 17 an Giblean 1936 is Eairdsidh Raghnaill athair dhi is Kate MacDonald neo Bean Eairdsidh Raghnaill màthair dhi. Dh'ionnsaich i pìobaireachd nuair a bha i òg agus chaidh i anns an co-fharpaisean. Mar as àbhaist bha na co-fharpaisean airson nam fir a-mhàin is ise a' chiad co-fharpaiseach boireannach anns a' Bhrataich Ghorm ann an Lunnainn.
Bha i na sgoilear anns a' Ghearasdain agus dh'ionnsaich i nursadh ann an Glaschu far an do phòs i. Chlàr i a' chiad albam, Eadarainn ann an 2004.[1]
Urraman
deasaich- 2009: Scottish Traditional Music Hall of Fame[1]
- 2015: Sàr-bhean na h-Alba, Comann Crann na h-Alba.[2]
- 2019: Sàr-Ghàidheal, Bòrd na Gàidhlig.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Rona Lightfoot”. Hands up for Trad. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2021.
- ↑ “Rona Lightfoot”. Comann Crann na h-Alba. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2021.
- ↑ “Duaisean na Gàidhlig air an toirt seachad”, Naidheachdan a' BhBC. 20mh dhen t-Samhain 2019. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2021.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “Fiosrachadh beatha - Rona Lightfoot”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2021.