Roinn Taobh Tatha
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Poileataigs
Feartan fiosaigeach

B' e roinn as motha na h-Alba a bha ann an Roinn Taobh Tatha (Beurla: Tayside Region).

Chaidh i a stèidheachadh ann an 1975 aig an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973[1] le 3 comhairlean sgìreil, Dùn Dè, Machair Aonghas agus Peairt is Ceann Rois. Bha Dùn Dè na phrìomh-bhaile agus bha Farfar, Obar Bhrothaig, Peairt, Craoibh agus Mòinteach Raineach anns an roinn seo.

Ann an 1996 chaidh na 3 comhairlean sgìreil nan comhairlean aonadach, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Baile Dhùn Dè agus Comhairle Aonghais agus chaidh an roinn fhèin a sgaoileadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Local Government (Scotland) Act 1973”. legislation.gov.uk. Air a thogail 23mh dhen Lùnasdal 2016.