Roger Torrent
'S e neach-poileataigs à Catalòinia a tha ann an Roger Torrent.
Dh'ionnsaich e saidheans poileataigeach aig an Oilthigh Fèin-riaghlaidh Bharcelona. Chaidh e na chomhairliche ann an Sarrià de Ter, baile beag faisg air Girona nuair nach robh e ach 20 bliadhna a dh'aois is e air a bhith na bhall Esquerra Republicana Catalana o aois 19. Bha e na neach-labhairt ann an 2015 airson Junts per Sì, iomairt neo-eisimeileachd Chatalòinia is chaidh a thaghadh mar neach-labhairt Pàrlamaid Chatalòinia ann an 2018.[1]
A rèir WhatsApp chaidh a fhòn-làimh a ruathar le bathar-foill o chompanaidh a nì feall-shireadh airson riaghaltasan mar, a-rèir choltais, Meagsago is Saudi Arabia agus Torrent a' dèanamh a-mach gum bu stàit na Spàinne as coireach.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Roger Torrent: the youngest Parliament president”. Ann an: Catalan News, Agència Catalana de Notícies, 17mh dhen Fhaoilleach 2018. Air a thogail 14mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Kirchgaessner, Stephanie ⁊ Jones, Sam: “Phone of top Catalan politician 'targeted by government-grade spyware'”, The Guardian. 13mh dhen Iuchar 2020. Air a thogail 14mh dhen Iuchar 2020.