Rèisimeid Rìoghail na h-Alba
'S e Rèisimeid Rìoghail na h-Alba an rèisimeid a chaidh a cur air chois ann an 2006 nuair a thàinig na rèisimeidean anns an roinn-fheachd Albannach (Beurla: Scottish division) ri chèile airson aon rèisimeid a chruthachadh.
- Na h-Albannaich Rìoghail (An Rèisimeid Rìoghail)
- The King's Own Scottish Borderers
- Na Fusiliers Rìoghail Gàidhealach
- Am Freiceadan Dubh (Rèisimeid Gàidhealach Rìoghail)
- The Highlanders (Sìophortaich, Gòrdanaich is Camshronaich)
- An rèisimeid Gàidhealach Earra-Ghàidheal is Chataibh.
Thàinig na h-Albannaich rìoghail is na KOSB ri chèile airson na Royal Scots Borderers a chruthachadh mar a chiad chath-bhuidheann (Beurla: Batallion) dhen rèisimeid. Seo de th' ann an dràsda:
- SCOTS Royal Scots Borderers (1d Chath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)
- SCOTS Fusiliers Rìoghail Gàidhealach (2mh Cath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)
- SCOTS Am Freiceadan Dubh (3mh Cath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)
- SCOTS The Highlanders (4mh Cath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)
- SCOTS An rèisimeid Gàidhealach Earra-Ghàidheal is Chataibh (5mh Cath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)
Tha dà chath-bhuidhnean TA aig an rèisimeid cuideachd, seo:
6. SCOTS 52 Gallda (6mh Cath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)
7. SCOTS 51 Gàidhealach (7mh Cath-bhuidheann Rèisimeid Rìoghail na h-Alba)