Pyran ar Woethel
Pyran ar Woethel | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | A' Chorn |
Co-chomharran | 50° 20' Tuath 05° 11' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,558 (2001) |
Àireamh fòn | + 44 1872 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Pharraiste |
‘S e baile beag ann am meadhan na Còrn a th’ ann Pyran ar Woethel (Laideann: Sancti Pierani in Arwothel,[1] Beurla: Perranarworthal).[2] Tha an t-ainm a’ ciallachadh Oighreachd an Naoimh Pyran ann an Arwothel anns a’ Chònais agus tha e suidhichte ri taobh na na h-Aibhne Kenall,[3] eadar Devoran agus Ponsanooth, faisg air Aberfal, 33km air falbh bho Phensans agus 7km bho Truro, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha dìreach 1,558 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[5] Chaochail an sgrìobhadair William Golding (1911 – 1993) ann am Pyran ar Woethel. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1388.