Port an t-Sròim

Soidhne air an rathad gu Port an t-Sròim
Suidheachadh
Port an t-Sròim is located in Alba
Port an t-Sròim
Port an t-Sròim (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Rois
Parraist Loch Aillse
Co-chomharran 57° 0′ 5″ Tuath
5° 49′ 45″ Iar
Comharradh-clèithe NG865346
Feartan fiosaigeach

'S e baile beag ann an Ros an Iar air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Port an t-Sròim (Beurla: Stromeferry).[1] Tha e suidhichte air bruach a deas Loch Carrainn. Tha ainm a' bhaile a' sealltainn gum b' e àite cudromach a bh' ann airson dol thairis air an loch. Tha stèisean-rèile dhen rathad-iarrainn Caol Loch Aillse eadar Atadal agus Dùn na Creige ann[2] agus tha an A890 faisg air a' bhaile.

Tha e ainmeil airson aimhreit ann an 1883. B' e ceann-rèile a bha ann agus thog na luchd-obraich fianais an aghaidh a bhith ag obair DiDòmhnaich.[3]

An aiseag

deasaich

Tha Port an t-Sròim suidhichte air an àite as cumhainge den loch agus mar sin bha seirbhisean aiseig ann airson iomadh bliadhna. Le sin bha ceangal ann chun a' chiad rathaid a chaidh a thogail le Coimisean Rathaidean agus Dhrochaidean na Gàidhealtachd ann an 1809 air bruach a tuath an locha.[4] Nuair a chaidh an A890 a leasachadh air bruach iar-dheas Loch Carrainn agus seachad air Port an t-Sròim, cha robh feum tuilleadh air na seirbhisean aiseig na bu mhotha, mar sin stad iad ann an 1970. Ach ann an 2012 b' fheudar an rathad a dhùnadh, chaidh an aiseag a chur gu feum a-rithist airson greis.[4]

Iomraidhean

deasaich
  1. Stromeferry/Port an t-Sròim”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2017.
  2. Stromeferry”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2017.
  3. MacIlleathain, Ruaraidh: “Aimhreit an t-Sròim - Pàirt 1 (Litir 743)”. learngaelic.scot. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2017.
  4. 4.0 4.1 Aiseag aig Port an t-Sròim”. Am Baile. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2014.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: