Port-adhair Bharraigh
‘S ann air an Tràigh Mhòir ann an Eilean Bharraigh a tha Port-adhair Bharraigh. Thathar a’ creidsinn gur e seo an aon phort-adhair san t-Saoghal a tha air tràigh gaineimh agus far a bheil clàr-àma nan itealan a’ crochadh air seòl na mara. Chan eil ach aon seirbheis chunbhalach a’ cleachdadh a’ phort-adhair, ’s e sin eadar Barraigh agus Glaschu.
-
Toglach
-
Rabhadh
Port-adhair Bharraigh
Ainmichte às dèidh | Barraigh |
---|---|
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Sgìre riaghaltais ionadail | Na h-Eileanan Siar |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Inbhir Nis |
Suidheachadh cruinn-eòlais | Tràigh Mhòr |
Domhan-leud is -fhad | 57°1′25″N 7°26′30″W |
Gnìomharaiche | Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean earr. |
A’ toirt seirbheis do | Barraigh |
Làrach-lìn | https://www.hial.co.uk/barra-airport |
Raon-laighe | 07/25, 15/33, 11/29 |
Cód phort-adhair IATA | BRR |
Cód phort-adhair ICAO | EGPR |
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BBC Naidheachdan 2018-04-20: Port-adhair Bharraigh ga mholadh
(chaidh a bhòtadh 4mh àite air liosta de na puirt-adhair as fheàrr air an t-saoghal)